Coinneamhan UBC

  • Air fhoillseachadh
UBC
Fo-thiotal an deilbh,
Chaill 238 duine a bha ag obair aig UBC an cosnadh.

Tha feadhainn a chaill na h-obraichean aca aig a' chompanaidh thogail UBC air coinneachadh ri riochdairean an riaghaltais.

Chaidh a' chompanaidh ann an rianachd an t-seachdain seo chaidh agus 238 duine air an cosnadh a chall.

Dh'fhalbh 98 obraichean aig a' chompanaidh ann an Inbhir Nis, 90 anns na h-Eileanan an Iar, 45 ann am Bathgate agus 5 ann an Stepps.

Tha dòchas ann fhathast gun tèid Wyvis Roofing, a tha na phàirt den chompanaidh, a-reic, agus gun tèid 30 dreuchd an sin a shàbhaladh.

Doirbh

"S e àm fìor dhoirbh a tha seo dhan chompanaidh", thuirt Ministear na h-Iomairt, Fearghas Ewing.

"Nì an riaghaltas a h-uile dad as urrainn dhuinn gus taic a thoirt dhan fheadhainn a tha air na cosnaidhean aca a chall.

"Bidh riochdairean bhon sgioba taic PACE againn aig trì làraich de UBC son coinneachadh ri luchd-obrach agus bidh coinneamh eile nas fhaide air adhart sa mhìos", thuirt e.

Thuirt fear-gairm Comhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach, gur e suidheachadh tàmailteach a th'ann agus gur e prìomh amas na comhairle gach taic a thoirt dha daoine a chaill an obair.

Thuirt Mgr Dòmhnallach gur e a thuigse gur e an roinn de UBC anns na h-Eileanan an Iar am pàirt as prothaidich a bh'ann den chompanaidh.

Ceistean

Tha Comhairle nan Eilean Siar cuideachd airson bruidhinn ris an luchd-rianachd, Zolfo Cooper, is ceistean orra mu obair-togail aig UBC air nach deach crìoch a chur fhathast.

'S iad UBC a bha ag obair air Taigh na Hearadh agus air Ionad ùr nam Meadhanan ann an Steòrnabhagh, cho math ri pròiseactan taigheadais anns na h-Eileanan an Iar.

"Bha obair aig UBC ri chrìochnachadh anns na h-Eileanan, agus ma 's e agus gum bi companaidh eile a' dèanamh na h-obrach sin bhiodh sinne a' sireadh gun toireadh iad air nas urrainn dhaibh dhan luchd-obrach (a bh'aig UBC)", thuirt Tormod Dòmhnallach.

Thuirt e gu bheil CNES ag amas air bruidhinn ris an luchd-rianachd cho luath sa ghabhas.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh