A' chiad ghairm air sgioba an t-Òib

  • Air fhoillseachadh
Sgioba Bàta-Teasaraginn an t-ÒibTùs an deilbh, RNLI
Fo-thiotal an deilbh,
Rinn an sgioba cobhair air bàta-iasgaich Disathairne.

Tha bàta-teasairginn ùr an t-Òib air gairm-eiginn a fhreagairt son a' chiad uair.

Ràinig am bàta ùr na Hearadh aig toiseach na mìos ach cha robh an stèisean deiseil son gairm a fhreagairt ach gu Dihaoine.

Chaidh fios a chur air an sgioba Disathairne nach robh an t-einnsean air a' bhàta-iasgaich 'Siolta' ag obair.

Chaidh sgioba ùr an t-Òib an-sàs gus an 'Siolta' a chuideachadh gu cala ann am Beinn nam Faoghla.

"Tha sinn toilichte gun robh e comasach dhuinn cuideachadh a thoirt seachad san t-suidheachadh seo", thuirt Manaidsear Bhàta-Teasairginn an t-Òib, Seonaidh MacIlleathain.

'"S e dearbhadh a tha seo - cho goirid as-dèidh dhuinn an stèisean san t-Òb fhosgladh - gu bheil feum air an t-seirbheis san sgìre seo", thuirt e.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh