Caol Bhòid is am Baile Ùr a-mach

  • Air fhoillseachadh
Garry Mac a' PhearsainTùs an deilbh, SNS
Fo-thiotal an deilbh,
Tha Inbhir Aora air Caol Bhòid a chur a-mach à Cupa Comunn Ceilteach Ghlaschu agus a-niste Cupa MhicAmhlaidh am bliadhna.

Chaidh Caol Bhòid is Baile Ùr an t-Slèibh, an dà sgioba a bh'ann an cuairt dheireannach Chupa MhicAmhlaidh an-uiridh, a-mach à farpais na bliadhna-sa sa chiad chuairt.

'S e là dubh eile a bh'ann do Chaol Bhòid, leis an robh an cupa, ann an Inbhir Aora.

Chaill sgioba Thaigh na Bruaich grèim air an fharpais eile a bhuannaich iad an-uiridh, Cupa Comunn Ceilteach Ghlaschu, aig an Winterton air a' mhìos a chaidh.

'S e 1-0 do dh'Inbhir Aora an là sin agus a-rithist cha robh ach tadhal eadar na sgiobaidhean Disathairne.

Thàinig an tadhal sin le cha mhòr an slaic mu dheireadh den gheama, Chris Crawford a' cur a' bhuill san lìon son Inbhir Aora a chur troimhe 2-1.

Anns na geamaichean eile san roinn aig deas den fharpais chaidh Camanachd an Òbain air adhart 1-0 an aghaidh Ghleann Urchaidh, rinn Eilean Bhòid a' chùis air Ceilteach an Òbain 5-2 agus bhuannaich Glaschu Meadhan Earra-Ghàidheal 2-1 an aghaidh Thaigh an Uilt.

Tuath

San roinn aig tuath 's iad Ceann Loch Seile a chruthaich sgeulachd mhòr an là is iad a' buannachadh 2-1 an aghaidh Bhaile Ùr an t-Slèibh.

'S e tadhal anmoch sa gheama a rinn an diofar an seo cuideachd, Iain MacRath a' slaiceadh a' bhuill dhan lìon le dìreach diogan air fhàgail son Ceann Loch Seile a chur troimhe 2-1.

Là eachdraidheil do Cheann Loch Seile agus a' chiad gheama a chaill Baile Ùr an t-Slèibh bhon chiad gheama den t-seusan.

Bha là doirbh aig an nabaidhean, Ceann a' Ghiuthsaich, cuideachd.

Fhuair iadsan troimhe air eiginn 6-4 an aghaidh Loch Abair.

Bha strì aig a' Ghearasdan gus an deach aca air Lòbhat a chur a-mach 4-3.

'S ann a bha cùisean na b'fhasa do Ghleann Urchadain, chaidh iadsan air adhart 4-1 an aghaidh Chill Mhàilidh.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh