An Sùlaire ga Sgeadachadh

Sùlaire
Image caption Thathas an dòchas gum bi an Sùlaire a-nise tèarainte son fichead bliadhna eile.

Tha mu £5000 aig buidheann eileanach ri thogail airson tè de na sgothan Niseach mu dheireadh air an t-saoghal a chumail a' dol.

Chaidh an Sùlaire a thogail bho chionn 18 bliadhna.

'S ann air Urras an t-Sùlaire a tha an t-uallach airson coimhead as a dèidh.

Tha cathraiche na buidhne, Aonghas Mac a' Ghobhainn, ag ràdh gun deach am bàta a chàradh, ach nach eil gu leòr airgid aca a-nis airson a cur gu sàl.

Fiodh lobhte

Tha an sgoth air a bhith ann an Ulapul son greis agus obair ga dhèanamh oirre.

Bha tobhtaichean agus pìos math dhan deireadh lobhte agus b'fheudar fiodha ùr a chuir nan àite.

Tha an fhiodh gu lèir innte a-nis agus tha i deiseil airson a peantadh.

Tha an t-urras an dòchas gu bheil am bàta tèarainte son co dhiù fichead bliadhna eile.

Chleachd an t-urras an t-airgead a bh'aca air fad sa bhanca son an obair sgeadachaidh.

"Chosg an obair trealaich mhath dhuinn."

"Bha airgead againn sa sprorran, mar gum biodh, ach an seòrsa obair a bh' ann feumaidh tu fear-togail a tha eòlach air obair gan t-seòrsa sin a thoirt a-steach son an obair a dhèanamh," thuirt Mgr Mac a' Ghobhainn.

Comataidh ùr

Feumaidh an t-urras a-nis tuilleadh airgid a chruinneachadh son a' bhata fhaighinn bhon làraich ann an Ulapul chun an uisge.

Bidh crann agus làraidh a dhìth airson sin.

Aon uair 's gu bheil i sa bhùrn feumar a dèanamh deiseil son a toirt air ais a Leòdhas.

Tha iad an dòchas sin a dhèanamh aig deireadh na mìos neo toiseach na h-ath mhìos.

Tha comataidh ùr aig an urras agus tha iad air tòiseachadh a' toirt airgid a-steach mur tha.

Tha iad an dùil tachartasan leithid dannsaichean agus diathadan a chuir air dòigh sna mìosan a tha romhainn mar phàirt dhan oidhrip aca tuilleadh ionmhais fhaighinn.