Taic do luchd-obrach UBC

  • Air fhoillseachadh
Sireadh-obrach
Fo-thiotal an deilbh,
Chaill 238 duine an cosnadh nuair a chaidh UBC fodha

Bheirear taic agus comhairle do dhaoine a chaill an cosnadh an t-seachdain seo chaidh nuair a chaidh a' chompanaidh UBC fodha.

Chaill 238 duine an cosnadh, agus an luchd-rianachd, Zolfo Cooper, air meas nach eil suidheachadh ionmhasail na companaidh seasmhach.

Thugadh cuireadh dhaibh gu tachartas ann an Inbhir Nis air 23mh den mhìos seo, aig am bi riochdairean bho Skills Development Scotland, Colaiste Inbhir Nis, Ionadan Obrach, Comhairle na Gàidhealtachd, HIE, agus diofar chompanaidhean.

Tha dùil ri dà thachartas eile den aon sheòrsa anns na h-Eileanan an Iar a dh'aithghearr.

"Tha leithid de riaghailtean co-cheangailte ris a h-uile càil," thuirt Cathy Mhoireasdan, bho Bhiùro Chomhairleachaidh a' Phobaill anns na h-Eileanan Siar.

"Tha e a' gabhail a-steach tòrr rudan. Tha tòrr dhaoine, 's math dh'fhaoidte gu bheil iasadan pearsanta aca, 's moragaidsean, 's e uallach mòr a th' ann do dhaoine nuair a tha an teachd-a-steach aca a' tuiteam cho mòr, ciamar a tha iad a' dol a dhèanamh a' ghnothaich.

"Tha e a' dèanamh tòrr dragh do dhaoine, 's tha iad airson faighinn a-mach dè dìreach na còraichean a th' aca, a thaobh sochairean, 's timcheall air call-cosnaidh 's rudan den t-seòrsa sin," thuirt i.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh