Foill ann an Oifis a' Phuist

  • Air fhoillseachadh

Dh'aidich tè a bha ag obair ann an Oifis a' Phuist ann an Ùige an Eilein Sgitheanaich gun do dh'fhalbh i leis na mìltean notaichean bho h-obair.

Chuala Cùirt an t-Siorraidh ann an am Port Rìgh gun do ghoid Màiri Walker, a tha 50, beagan is deich mìle not, eadar an Gearran 2009 agus an Giblean an-uiridh.

Thèid binn a chur air Màiri Walker, a tha an-diugh a' fuireach ann an Lannraig, air an 11mh dhen ath-mhìos, nuair a thèid aithisgean ullachadh mu deidhinn.