Ionadan Sgithidh na h-Alba a' soirbheachadh

Sneachd air monaidhean a' Chàirn Ghuirm
Image caption Tha sìde fhuar air a bhith na buannachd mhòr do dh'ionadan sgithidh na h-Alba

Ged a tha gu leòr a' gearain mun droch shìde a th' air a bhith ann an Alba bho chionn ghoirid, tha ionadan sgithidh na dùthcha co-dhiù air buannachd fhaighinn aiste.

Bha dùil aig an fheadhainn a tha a' ruith Ionad-sgithidh a' Chàirn Ghuirm gun robh an seusan seachad anns a' Mhàirt, nuair a dh'fhàs an t-sìde nas blàithe, ach dh'fhosgail an t-ionad a-rithist aig deireadh na mìos sin.

Tha iad a' dèanamh dheth gu bheil mu 10,000 duine air tadhal air an ionad bhon uair sin.

Dh'fhaodadh gu bheil tuilleadh dheagh naidheachd air fàire dhaibh 's dùil ri barrachd sneachda air na monaidhean thar nam beagan sheachdainnean ri thighinn.

Deagh sgitheadh

Tha Dòmhnall Morris am measg na ghabh an cothrom a dhol a-mach a' sgitheadh anns a' Chèitean.

"Bha i uabhasach math - bha còrr is meatair de shneachda ann aig mullach na beinne ach nas fhaide sìos cuideachd bha barrachd sneachda an sin, ach bha na conditions dìreach mar a bhiodh iad ann am meadhan a' Mhàirt, an àite meadhan a' Chèitein," thuirt e.

"Gu h-àbhaisteach anns a' Chèitean chan eil mòran sneachda ann 's feumaidh tu a bhith a' dèanamh beagan sreap neo coiseachd gus am faigh thu thuige 's mar sin tha e gu math neònach gum faod thu tòiseachadh anns an àite-parcaidh 's do sgithean a chur ort an sin."

Dh'fhaodadh gu bheil an t-sìde na briseadh-dùil ge-tà do chuid eile aig a bheil ùidh ann an cur-seachadan air a' bhlàr a-muigh, an leithid coiseachd neo a' sreap nam beann.

Ach, ann am beachd Dhòmhnaill Mhorris, tha cho caochlaideach 's a tha an t-sìde ann an Alba a' fàgail gum faigh a h-uile duine sìde a fhreagras orra ann an àite air choireigin.

"'S e an rud mu dheidhinn Alba, faodaidh tu a dhol a dh'àite sam bith agus gheibh thu aimsir eadar-dhealaichte cha-mhòr timcheall gach oisean - 's e rud math a tha sin - agus cuideachd duine sam bith aig a bheil ùidh ann am beanntan na h-Alba, feumaidh iad a bhith deiseil airson aimsir sam bith!" thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile