Tubaist-rathaid air Ghàidhealtachd

Chaidh triùir fhireannach a ghoirteachadh ann an tubaist-rathaid air an A95, eadar an Aghaidh Mhòr agus Baile nan Granndach, tràth madainn Diciadain.

Bha càr agus bhana an lùib na tubaiste, a thachair mu thrì mìle an iar air Coit a' Ghartain.

B'fheudar do luchd-smàlaidh innealan-gearraidh a chleachdadh airson an fheadhainn a bha glacte a shaoradh.

Chaidh aon duine a sgèith dhan ospadal ann an Inbhir Nis, agus chaidh an dithis eile a thoirt ann le carbad-eiridinn.

Tha dùil gu bheil aon duine ann an cunnart a bheatha.

Bha an rathad dùinte fad seachd uairean de thìde às dèidh na tubaiste.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile