Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

16 An Cèitean 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Cion-cosnaidh

Thuit an àireamh a tha gun chosnadh air feadh Bhreatainn mu 45,000 sna trì mìosan eadar an Fhaoilleach agus a' Mhàirt, agus tha a-niste 2,600,000 duine gun obair. Tha an àireamh a tha gun chosnadh an Alba sìos 10,000 gu 221,000, a' fàgail rèat cion-cosnaidh na h-Alba aig 8.2%, an aon ìre ris an Rìoghachd Aonaichte gu lèir. Ach tha sin fhathast 13,000 a bharrachd na bha gun obair ann an Alba aig an aon àm an-uiridh.

Clàr Eilginn

Thuirt a' chompanaidh ola Total gun do chuir iad stad an-diugh air gas a th' air a bhith ag aodion bho chionn còrr is sia seachdainnean aig Clàr Eilginn anns a' Chuan a Tuath. Thuirt Total gun do chuir am poll a tha iad air a bhith a' dòrtadh dhan tobair stad air a' ghas, ach gum bi iad a' cumail sùil air an t-suidheachadh airson ùine fhathast, gus am bi iad cinnteach gun do shoirbhich an obair.

Ratko Mladic

Tha luchd-casaid san Hague air a bhith a' cur na cùise an aghaidh Ratko Mladic, seann cheannard Airm Shearbach Bhosnia. Tha 11 chasaid na aghaidh-san co-cheangailte ri murt 7,000 Muslamach ann an Srebrenica aig àm Cogadh nam Balkans anns na 90an.

A' Ghrèig

Tha ceannardan na Grèige a' coinneachadh an-diugh 's iad a' feuchainn ri riaghaltas eadar-amail a stèidheachadh mus bi taghaidhean ùra ann. Dh'fhaillich air na diofar phàrtaidhean riaghaltas a stèidheachadh an dèidh taghaidhean na bu tràithe air a' mhìos seo, agus diofar beachd ann mu thaic-airgid na h-Eòrpa dhan Ghrèig leis gu bheil gearraidhean mòra co-cheangailte ri sin.

Marine Harvest

Tha Marine Harvest, a' chompanaidh thuathanais bhradain as motha air an t-saoghal, a' cur £80m an sàs sa ghnìomhachas aca ann an Alba. Tha a' chompanaidh, a tha stèidhichte ann an Nirribhidh, ag ràdh gum bi 100 cosnadh ùr à sin.

An Eaglais Shaor

Thuit teachd-a-steach na h-Eaglaise Saoire gu mòr, agus mòran nas lugha de dh'airgead a' tighinn bho chuid de choithionalan. Tha iad còrr is £300,000 gann air a' bhliadhna an-uiridh, agus coire gu ìre ga chur air crìonadh eaconamach. Ach cha d'fhuair iad air ais nas motha, na bha dùil bho airgead a bha an tasgadh aca ann am margaidhean ionmhais. Thèid an suidheachadh a dheasbad aig an Àrd-Sheanadh ann an Dùn Èideann an ath-sheachdain.