Pròbhost ùr Inbhir Narainn
- Air fhoillseachadh

Chaidh tiotal a' Phròbhoist a bhuileachadh air a' Chomh. NicDhòmhnaill às ùr an t-seachdainn-sa
'S i an Comhairliche SNP Liz NicDhòmhnaill Pròbhost ùr Inbhir Narainn, às dèidh dhith an dearbh obair sin a chall bho chionn dà bhliadhna.
Chaill i an dreuchd ann an 2010, nuair a chaidh na comhairlichean eile sa bhaile, a bha uile an lùib na co-bhonntachd a bha a' riaghladh Chomhairle na Gàidhealtachd aig an àm, na h-aghaidh.
Bha iad mì-thoilichte gu robh i air cur an aghaidh phlana gus amar-snàimh a' bhaile a dhùnadh.
Thuirt an Comh. Dhòmhnallach gu robh i gu math toilichte an dreuchd fhaighinn às ùr, agus gum biodh i a' feuchainn ri guth nas làidire a thoirt dhan sgìre taobh a-staigh na Comhairle.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh