Foghlam cànain gus atharrachadh

  • Air fhoillseachadh
Seòmar-teagaisgTùs an deilbh, bbc
Fo-thiotal an deilbh,
Cha bhi clann a' tòiseachadh air cànan ionnsachadh gu P6 an-dràsta

Dh'fhaodadh gum bi a h-uile pàist ann an Alba co-dhiù dà-chànanach nuair a dh'fhàgas iad a' bhun-sgoil, fo mholaidhean a thèid fhoillseachadh Diardaoin.

Tha an aithisg, a chaidh ullachadh do thè de bhuidhnean-obrach an Riaghaltais Albannaich, a' moladh gun tòisicheadh clann air cànan eile leithid Fraingis ionnsachadh cho luath 's a thòisicheas iad sa bhun-sgoil, agus cànan eile an dèidh sin.

Thuige seo, chan eil clann air tòiseachadh air cànan ionnsachadh gus am bi iad air P6 sa bhun-sgoil.

Tha àireamhan chloinne a tha ag ionnsachadh cànain eile ann an Alba ìosal an taca ri dùthchannan eile.

Aonta Eòrpach

Tha ministearan air gabhail ri aonta Eòrpach na h-atharrachaidhean a chur an gnìomh, agus tha iad air a' chlàr-ghnothaich airson an ath dhà sheisean den Phàrlamaid.

"Bha mise ag iarraidh na h-aithisg seo air sgàth 's gun robh mise ag aideachadh nach robh sinne ann an Alba a' dèanamh cho math 's a bha dùthchannan eile cànanan eile a ionnsachadh," thuirt Ministear na Gàidhlig, Alasdair Allan.

"Tha mi toilichte a ràdh gur e aithisg gu math radaigeach a th' ann, agus e ag iarraidh gum bi clann a' tòiseachadh le cànan eile anns a' chiad chlas.

"Tha an aithisg ag aithneachadh gu bheil mòran chloinne ann an Alba dà-chànanach nuair a thòisicheas iad san sgoil, agus tha rùm is spèis anns an aithisg airson sgoiltean Gàidhlig.

"Tha an aithisg seo gu math soilleir gum biodh a' Ghàidhlig a' cunntadh am measg nan cànan a tha sinn ag iarraidh.

"Tha sinn ag iarraidh gum bi a' chlann a' dol tron sgoil leis a' chànan aca fhèin agus dà chànan eile.

"Bidh e a' cosg airgid. Chan eil figear ann fhathast leis nach do nochd an aithisg gu an-diugh fhèin, ach bidh mise a' putadh airson sgeama a tha ag obair ann an dòigh phractaigich, agus bidh sin a' tòiseachadh am bliadhna ann an cuid de sgoiltean," thuirt e.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh