Beurla, per favore?
- Air fhoillseachadh

Uaireanan thig naidheachd à aon cheàrnaidh den t-saoghal aig a bheil buaidh air leth air na sgìrean againne air a' Ghàidhealtachd 's anns na h-Eileanan.
Cò dhìochuimhnicheas mar a thàinig an spreadhadh mòr niuclasach aig Chernobyl chun na stairsnich againn, gu ìre 's nach gabhadh òthaisgean is muilt ar cuid chroitean reic eagal 's gun robh an fheòil aca air a gànrachadh?
Chan eil an naidheachd gu bheil fear de phrìomh oilthighean na h-Eadailt a' dol a thionndadh gu teagasg tro mheadhan na Beurla, seach Eadailtis, a' dol a thoirt an aon seòrsa crith-thalamhainn oirnn - gu dearbha cha mhothaich mòran againn gu bheil e a' tachairt.
Ach dh'fhaodadh seo buaidh tòrr nas motha agus nas maireannaiche a thoirt oirnn anns an ùine fhada.
Tha am Politecnico di Milano ann am Milan air fear de na h-oilthighean as cliùitiche anns an Eadailt airson cuspairean teicnigeach, leithid einnsinireachd, aillteireachd agus dealbhachadh, agus tha e air an 48mh oilthigh teicnigeach air an t-saoghal a rèir Rangachadh Oilthighean an t-Saoghail.
Le 36,000 oileanach, chan e colaiste bheag shuarach a tha seo idir.
Tionndadh gu Beurla
Tha iad air innse gur ann sa Bheurla a bhios a' chuid mhòr de na cùrsaichean aca gan teagasg bho 2014, air sgàth 's gu bheil iad airson a bhith nan "oilthigh eadar-nàiseanta."
Cuiridh iad air falbh na leabhraichean-teacsa Eadailtis, 's thig feadhainn Bheurla nan àite, le òraidean anns a' Bheurla cuideachd.
A rèir ceannard an oilthigh, an t-Oll. Giovanni Azzone, 's e seo an aon dòigh anns an tèid aig oilthighean na h-Eadailt air cumail suas ri oilthighean air feadh an t-saoghail, agus an aon dòigh sam bi na h-oileanaich aca comasach air cosnadh a dhèanamh anns an eaconamaidh eadar-nàiseanta.
"Tha dà roghainn agad. Faodaidh tu an dàrna cuid fuireach na do chrò bheag fhèin - rud nach eil comasach ann an saoghal an là an-diugh - no faodaidh tu fosgladh a-mach - agus a bhith eadar-nàiseanta," thuirt an t-Oll. Azzone.
Tha e den làn bheachd nach gabh sin dèanamh ach le tionndadh gu Beurla.
'S dòcha nach eil e fada ceàrr, anns an t-seadh 's gu bheil fòghlam aig àrd-ìre air feadh an t-saoghail a' tionndadh gu Beurla.
Tha tòrr chùrsaichean ann an oilthighean nan dùthchannan Lochlannach a-nis gan toirt seachad sa Bheurla, 's tha an cleachdadh a' dol am meud ann an cuid de dhùthchanan ceann a tuath agus meadhan na Roinn Eòrpa.
Tha fiù 's àiteachan mar Chorea a Deas agus dùthchannan Àisianach eile a' gluasad beag air bheag gu cùrsaichean Beurla.
Ann an seadh, chan eil iad a' dèanamh ach mar a tha còir aig fòghlam àrd-ìre a dhèanamh - a bhith a' freagairt air feumalachdan an t-saoghail obraich - 's chan eil teagamh nach e a' Bheurla a-nis cànan cumanta a' ghnìomhachais eadar-nàiseanta.
Cànan coitcheann?
Tha e stèidhichte air gur e rud buannachdail a th' ann an cànan coitcheann - gun tuig a h-uile duine a chèile gu furasta.
'S e a' Bheurla Ladainn ùr an là an-diugh.
Ach tha e cuideachd a' dol calg-dhìreach an aghaidh feallsanachd a thaobh cultair agus fèin-aithne.
Tha gu leòr anns an Eadailt - fiù 's ollamhan anns a' Pholitecnico di Milano fhèin - a tha a' faireachdainn gur e lagachadh air cànan is cultar na h-Eadailt a thig às air a' cheann thall.
'S tha eòlaichean eadar-nàiseanta a' dol leis a sin, leithid an Oll. Philip Altbach bho Ionad an Àrd-fhòghlaim Eadar-nàiseanta ann am Boston.
"Thèid nas lugha 's nas lugha a sgrìobhadh ann an cànanan eile seach Beurla, agus dh'fhaodadh cultaran a bhith air an lagachadh. Cha bhith uiread de leabhraichean-teacsa anns na diofar chànanan. 'S dh'fhaodadh sin buaidh a thoirt cuideachd air doimhneachd sgoileireachd."
A'Ghàidhlig
Chan urrainn nach eil seo a' togail na ceist: dè an dòchas idir a th' ann do mhìon-chànan bheag bhìodach mar a' Ghàidhlig, ma tha cùisean gu bhith doirbh do chànan mòr Eòrpach mar Eadailtis?
Tha fòghlam tro mheadhan na Gàidhlig a' sìor dhol am meud, le cùrsaichean a-nis rim faighinn aig ìre oilthigh, agus aon cholaiste - Sabhal Mòr Òstaig - a' teagasg gu tur anns a' chànan.
Ach a bheil na tha fìor mu dheidhinn oileanaich na h-Eadailt idir a cheart cho fìor mu na h-oileanaich Ghàidhealach againne?
Ma tha dha-rìribh an saoghal a' tionndadh gu Beurla - agus oideachadh sa Bheurla - a bheil an t-àm againn gabhail ris a sin agus dèanamh cinnteach nach tèid sinn fhèin fhàgail air deireadh.
Ma tha e fìor gu bheil oileanach Eadailteach air a chumail air ais seach gur e fòghlam Eadailteach a th' aige, a bheil a bhith air d'oideachadh ann am beag-chànan a' cur clach-mhuilinn cheart mu d'amhaich?
Tha na freagairtean air na ceistean sin lìonmhor agus farsaing: luach cultair, nach e an eaconamaidh agus an sgilinn an aon rud a tha a' cunntadh, nach ann a-mhàin airson obair a lorg a tha duine a' cur feum air fòghlam, nach leig thu leas aon chànan a lagachadh airson tè eile a neartachadh, 's mar sin air adhart.
Uaireanan, samhail Canute, chan urrainn dhut dad a dhèanamh airson an sruth a chumail gun tighinn mu do chlaigeann.
Ach uaireann 's e a bhith a' faighneachd na ceiste ceàrr a tha a' cur dhaoine, is cultairean, is slòigh, is dùthchannan fodha: nam biodh Canute air faighneachd dha fhèin "Ciamar a ghluaiseas mi a bhadeiginn eile mus tig am muir a-steach," seach "Ciamar a chuireas mi stad air a'mhuir," bhiodh e tioram, tèarainnte fhathast.