Dachaigh ùr dha na Samaratanaich

  • Air fhoillseachadh
Cathraiche nan Samaratanach sna h-Eileanan an Iar, Aonghas MacLeòid a' faighinn dearbhadh bho Àrd-oifigear NHS nan Eilean Siar, Gòrdan Jamieson, mun t-suim airgid.Tùs an deilbh, Other
Fo-thiotal an deilbh,
'S urrainn dha na Samaratanaich a-nis an t-àite a tha iad ag iarraidh a cheannach

Fhuair meur nan Eilean Siar de na Samaratanaich an t-suim mu dheireadh den airgead a bha a dhìth orra son àite a cheannach ann an Stèornabhagh.

Tha a' bhuidheann air a bhith ann an togalaichean air màl fad 18 bliadhna.

Ach an dèidh dhaibh faisg air £100,000 a chruinneachadh uile gu lèir, bidh sealbh aca a-nis air oifisean ùra.

Bidh iad a-nis stèidhichte ann am meadhan a' bhaile.

Tha meur nan Eilean Siar de na Samaratanaich air a bhith ann an grunn thogalaichean ann an Steòrnabhagh bho chaidh a' bhuidheann a chur air dòigh ann an 1994.

Tabhartasan

Ach, gu ruige seo chan eil iad air a bhith ann an àite a tha iad a' faireachdainn a th' air a bhith gu tur freagarrach.

Fhuair iad £47,000 bho Choose Life ann an 2008 agus tha iad air a bhith a' cruinneachadh ionmhais bhon uair sin.

Thàinig faisg air £20,000 bho Stòras Ath-bheothachadh Coimhearsnachd Comhairle nan Eilean Siar, a thuilleadh aig tabhartasan bho uardan an ùghdarrais ionadail.

Fhuair iad taic bho dhiofar charthannasan agus tha iad a-nis air dearbhadh fhaighinn gu bheil NHS nan Eilean Siar a' toirt dhaibh na suime mu dheireadh a bha a dhìth - £13,000.

Oifisean ùra

Bidh a' bhuidheann a-nis a' gluasad às na h-oifisean anns a bheil iad an-dràsta ann an Ceann a' Bhàigh gu àite air Sràid Chrombaidh.

Tha obair-togail ga dèanamh air na h-oifisean ùra an-dràsta.

Tha a' chomataidh ionadal ag obair còmhla ris an luchd-togail son dèanamh cinnteach gum bi an dachaigh ùr aca freagarrach air na feumalachdan aca.

Aig an ìre seo tha 25 duine ag obair dhan mheur gu saor-thoileach.

Ach, tha dòchas ann gum brosnaich an togalach ùr barrachd dhaoine gus dol an sàs ann an obair na buidhne, agus gun tèid na seirbheisean a tha a' bhuidheann a' tabhann a leudachadh ri linn.