Dìth iarrtais air oighreachdan a cheannach
- Air fhoillseachadh

Leig muinntir Uibhist a Tuath fhaicinn nach eil iad airson sealbh a ghabhail air an fhearann.
Cha do sheall fiù 's aon bhaile eadar Uibhist a Tuath agus Beàrnaraigh ùidh ann an smachd a ghabhail air na ceithir oighreachdan air a bheil iad.
Tha a' chuid as motha de na h-oighreachdan sna h-Eileanan Siar ann an làmhan nan daoine.
Chaidh iarraidh sa Mhàirt air comhairlichean na sgìre sgrìobhadh gu clàrc gach baile a dh'fhaicinn an robh taic ann airson na h-oighreachdan a cheannach.
A-nise ge-tà, agus a' mhòr-chuid air sgrìobhadh air ais, tha e soilleir gu bheil iad airson cùisean fhàgail mar a tha iad.
Tha an Comh. Uisdean Robasdan ag ràdh gu bheil dragh air gun tuit an sgìre air dheireadh air àiteachan eile.
"Tha dragh orm mun t-suidheachadh ann an Uibhist a Tuath 's am Beàrnaraigh feumaidh mi ràdh," thuirt e.
"Tha e soilleir ri fhaicinn gu bheil oighreachdan a tha a' choimhearsnachd air a ghabhail thairis, gu bheil iad a' dèanamh nas fheàrr.
"Tha guth làidir aca airson adhartas a dhèanamh sna sgìrean aca fhèin.
"Far a bheil uachdarain phrìobhaideach, chan eil iad cho adhartach chanainn.
"Sin an dragh as motha a th' oirnne, gum feum tuigse a bhith aig daoine gu bheil Uibhist a Tuath ann an cunnart tuiteam air dheireadh air sgìrean a tha timcheall oirnn.
"Am faireachdainn a th' agamsa an-dràsta co-dhiù anns a' choimhearsnachd, 's gu h-àraid a thaobh chroitearan, gu bheil an doras gu math dùinte dhuinn.
"Tha mi a' smaoineachdainn gu bheil feum air barrachd deasbaid a bhith ann mu dheidhinn, agus a shealltainn do dhaoine nan cunnartan a th' ann do dh'Uibhist a Tuath," thuirt e.