Dragh nach eil Neach-gairm air a' Choimisean

  • Air fhoillseachadh
Baile croitearachdTùs an deilbh, Undiscovered Scotland
Fo-thiotal an deilbh,
Chaidh an Coimisean ùr a chur air bhonn toiseach a' Ghiblein.

Tha dragh air Coimisean ùr na Croitearachd nach eil Neach-gairm orra fhathast.

Cha-mhòr nach eil dà mhìos bho chaidh an Coimisean ùr a stèidheachadh.

Aig an dàrna coinneimh den Bhòrd ann an Inbhir Nis Diardaoin thuirt fear-labhairt bhon Riaghaltas nach eil fios fhathast cuin a thèid cuideigin a chur don dreuchd.

Thuirt iad cuideachd gur e briseadh dùil a th' ann don Riaghaltas nach deach cuideigin a thaghadh, ach gum feum iad na riaghailtean àbhaisteachd mu dhreuchdan poblach a leantainn.

Tha an Riaghaltas an dòchas na foirmichean tagraidh a sgaoileadh aig deireadh na mìos seo.

Chaidh buill a' Choimisein fhèin a thaghadh le croitearan, ach 's ann air ministear riaghaltais a tha uallach Neach-gairm a chur ann an dreuchd os cionn na buidhne.

Gus an tèid Neach-gairm a thaghadh, feumaidh an Coimisean cathraiche a thaghadh gach turas a chumas iad coinneamh.

"Tha an obair-là a' dol air adhart co-dhiù, ach a thaobh poileasaidh, agus cùisean eile, bhiodh e na b'fheàrr nam biodh duine air an stiùir," thuirt Coimiseanair nan Eilean Siar Murchadh MacIllinnein.

"Chan eil teagamh sam bith ann, mur a h-eil duine air an stiùir bidh duilgheadasan ann anns na mìosan a tha a' tighinn mur a tachair seo ann am mìos eile," thuirt e.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh