Eas-aonta mu thuath-gaoithe

Cruinn-gaoithe
Image caption Tha Point and Sandwick Power ag iarraidh 3 crainn-gaoithe a thogail

Tha a' chompanaidh Point and Sandwick Power, a tha an dùil trì crainn-gaoithe a thogail an iar air Steòrnabhagh, ag ràdh gu bheil AMEC a' diùltadh aonta a dhèanamh riutha mun talamh a tha iad ag iarraidh a chleachdadh.

Tha grunn bhliadhnaichean ann bho chaidh bruidhinn air an leasachadh an toiseach.

Thuirt cathraiche PSP, Dòmhnall Iain MacSuain, gu robh AMEC air a ràdh riutha nach sealladh iad ris an iarrtas aca gus an toireadh iad £20,000 dhaibh mu choinneamh nan cosgaisean lagha aca agus gun tug e deagh ghreis dhaibh an t-airgead sin a thogail.

Tha e dòchasach ge-tà gu bheil iad an ìmpis aonta a ruighinn, agus gun tòisich obair air na crainn ro dheireadh na bliadhna.

Thuirt stiùiriche pròiseact tuath-gaoithe Steòrnabhaigh, Ron Peddie, a tha ag obair do dh'AMEC, nach robh iad-san a' feuchainn ri bacadh sam bith a chur air Point and Sandwick Power.

Thuirt e gun d' fhuair iad seic airson £20,000 Diluain a chaidh agus an uair a dheadh sin tron bhanca gun dèanadh iad aonta mun fhearann gun dàil.

Teachd a-steach

Bidh Point and Sandwick Power cuideachd a' cur coinneamhan air dòigh anns a' choimhearsnachd far am faigh daoine air innse na dh'iarradh iad a dhèanamh leis an airgead a thig às an tuath-gaoithe.

Chum iad coinneamhan dhen aon sheòrsa bho chionn trì bliadhna ach thuirt Mgr MacSuain gu robh iad airson cluinntinn a bheil beachdan air atharrachadh bhon uair sin agus cuideachd mu phròiseactan eile a th' air tòiseachadh bhon uair sin.

Tha dùil ri teachd a-steach de £1m sa bhliadhna dhan choimhearsnachd às an tuath-gaoithe.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile