Moladh air dòigh-beatha eileanach
- Air fhoillseachadh

Fhuair sgrùdadh a rinn a' bhuidheann-charthannais Oxfam gur e muinntir nan eilean as motha a tha riaraichte leis an dòigh-beatha aca.
Cheasnaich Oxfam cha mhòr trì mìle duine air feadh Alba airson faighinn a-mach dè na rudan a bha cudromach dhaibh nam beatha - seach a bhith a' coimhead a-mhàin ri gnothaichean eaconomach.
Fhuair iad gur e muinntir Shealtainn as motha a tha riaraichte len dòigh-beatha 's iad a' moladh spiorad choimhearsnachd an eilein.
Bha 88% den fheadhainn a chaidh a cheasnachadh anns an h-Eileanan Siar a' faireachdainn gu robh deagh spiorad choimhearsnachd aca - an taca ri 72% ann an Alba air fad.
Sàbhailteachd
Bha an rannsachadh cuideachd a' coimhead ri dè cho sàbhailte 's a bha daoine a' faireachdainn nan coimhearsnachdan.
Bha 52% de shluagh nan Eilean Siar a' faireachdainn gu robh an t-àite sàbhailte - an taca ri 20% ann an Alba air fad.
Tha Oxfam a' cur ìmpidh air ùghdarrasan ionadail feairt a thoirt air na sheall an sgrùdadh.