Aonta mu Wyvis Roofing

Bhàn Wyvis Roofing
Image caption Chaill 238 an cosnadh nuair a chaidh UBC fodha

Dhearbh luchd-rianachd UBC gu bheil iad air aonta a ruighinn le manaidsearan na companaidh Wyvis Roofing son a' phàirt sin dhen chompanaidh UBC a ghabhail thairis.

Thàinig fios bho chionn còrr is seachdainn gu robh na companaidhean eile a bha fo sgèith UBC uile air sgur a dh'obair - ach a-mhàin Wyvis Roofing fhèin.

Chaill 238 an cosnadh nuair a chaidh UBC fodha - 90 anns na h-Eileanan Siar agus 98 ann an Inbhir Nis nam measg.

Tha Wyvis Roofing a' cumail cosnaidh ri 30 duine.

Coinneamhan

Thèid coinneamhan sònraichte a chumail ann an Inbhir Nis agus anns na h-Eileanan Siar Diciadain airson an fheadhainn a chaill an cosnadh nuair a chaidh UBC fodha.

Tha buidheann cosnaidh an Riaghaltais, PACE, a' toirt grunn bhuidhnean còmhla airson comhairle a thoirt do dhaoine, agus feuchainn ri cosnadh a lorg dhaibh.

Tha cuireadh ann cuideachd do dhaoine a chaidh a phàigheadh dheth bho chompanaidhean eile anns na sgìrean sin a dhol ann.

Tha luchd-obrach UBC air am faicinn air leth sgileil 's air an deagh thrèanadh, agus mar sin, tha fèill orra, 's tha feadhainn aca air obraichean ùra fhaighinn mar-thà.

Ach le suidheachadh na h-eaconomaidh, chan eil e furasta dhan chuid mhòr aca.

Bidh buidhnean aige na coinneamhan-sa a' toirt comhairle orra mu shochairean, trèanadh, stèidheachadh companaidh air an ceann fhèin - agus mu cothroman cosnaidh anns a' ghnìomhachas.

Bidh a' chiad choinneamh ann an Steòrnabhagh Diciadain aig 1200 ann an Ionad na Drochaid an Ceann a' Bhàigh, tè eile ann an Uibhist a Deas aig 15.30 aig Cothrom ann an Ormaclait, agus tè Inbhir Nis aig 1800 ann an Colaiste Inbhir Nis.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Timcheall a' BhBC

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile