Mucan fiadhaich ma sgaoil
- Air fhoillseachadh

Tha mucan fiadhaich ma sgaoil an Siorrachd Inbhir Nàrainn, agus tha iad a' dèanamh dragh do mhuinntir an àite.
Tha tuathanaich ag ràdh gu bheil iad a' dèanamh cron air talamh àitich agus gu faod iad galairean a sgapadh.
Cuideachd, tha rabhadh ga thoirt seachad gun a dhol faisg orra air eagal 's gun tèid cuideigin a ghoirteachadh.
Chan eil cinnt ann co mheud muc a chaidh ma sgaoil, ach thathas dhen bheachd gun do theich iad bho thuathanas faisg air Caladar agus gu bheil iad an ìre mhath fiadhaich.
Milleadh
Thuirt an comhairliche ionadail Ruaraidh Balfour gun robh iomagain air tuathanaich sa sgìre 's e ag ràdh "ma thèid iad air talamh àiteachais nì iad milleadh - can ma tha thu air buntàta a chur - thèid iad sin a' reubadh às a chèile".
Tha Dualchas Nàdar na h-Alba air rannsachadh a chur air dòigh a' sireadh fiosrachaidh air càite a bheil na mucan agus co mheud aca a th' ann.
Leis nach eil fios cò as a thàinig iad, no an gnè, dh'fhaodadh iad a bhith a' giùlain ghalairean agus sin adhbhar eile son smachd fhaighinn orra.
Tha cuid draghail mu shàbhailteachd dhaoine cuideachd.
Feumaidh cead barantas a bhith aig duine sam bith a tha ag àrach nam beathaichean seo agus a-rèir Raibeirt Dhòmhnallaich bhon NFU, tha adhbhar sònraichte son seo.
Spadadh
"Dh'fhaodadh iad tionndadh air daoine, nan tigeadh tu faisg orra gun fhiosda - gu h-àraidh nam biodh mucan òga aca - bi iad gan dìon".
Tha SNH a' moladh gun a dhol faisg orra - ged a tha iad gu math diùid.
Ma tha daoine a' bagairt orra, 's dòcha gun tèid an goirteachadh.
Bha rabhadh ann cuideachd coin a chumail bhuapa.
Aon uair 's gu bheil an rannsachadh seachad, bheir SNH comhairle do thuathanaich mu dè ghabhas dèanamh son rian fhaighinn air na mucan.
Am measg nam molaidhean, tha gum bu chòir cùisean fhàgail dìreach mar a tha iad, no feansaichean mòra a thogail, ach bhiodh sin caran cosgail.
Tha roghainn ann na beathaichean a' spadadh, no an glacadh 's an gluasad gu àite eile.
Thuirt fear-labhairt an NFU, Raibeart Dòmhnallach, gum bu chòir cur às dhaibh mur a gabh an glacadh agus an gluasad.