Co-bhanntachd ùr aig Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid

  • Air fhoillseachadh
Suaidhcheantas Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid
Fo-thiotal an deilbh,
Tha 20 buill sa cho-bhanntachd ùr

Tha co-bhanntachd ùr aig Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid eadar an SNP agus a' bhuidheann Argyll First còmhla ri ceathrar neo-eisimlich.

Chaidh an Comhairliche Iseabail Strong a thaghadh mar phròbhost agus an Comhairliche Ruairidh MacCumhais mar stiuiriche ùr.

Tha 20 buill sa cho-bhanntachd agus 16 air na beingean dùbhlanach.

Chan eil neach-labhairt airson na Gàidhlig aig a' chomhairle tuilleadh.

Is i an Comhairliche Glen-Lee a tha os cionn cultar.