Dearbaidh Bhaideanaich beo air BBC ALBA

Craig Dawson & Iain MacCoinnich Image copyright other
Image caption Craig Dawson & Iain MacCoinnich

Bidh dearbaidh Bhaideanaich Disathairne eadar Ceann a' Ghiuthsaich agus Baile Ùr an t-Sleibh ri fhaicinn beò air BBC ALBA is Iomain bhon Orion Group Premiership a' tilleadh chun an t-sianail ghàidhlig.

Thèid sia geamaichean eile, a bharrachd air geam Disathairne, a thèid a' chluich aig an Dell agus a tha a' tòiseachadh aig 4f a shealltainn beò air BBC ALBA tron t-seusan.

Tha dearbaidh Bhaideanaich am measg nan geamaichean is sinne ann an Iomain.

Bi luchd-taic Ceann a' Ghiuthsaich an dòchas gun tìg piseach air an sigoba aca an dèidh mar a chaill iad an t-seachdainn sa chaidh ri Loch Abair ann an Cupa Mhic Thàmhais.

Barrachd ionmhais

Chan e geam furasta a bhios ann dhaibh is iad a' dol an aghaidh an sgioba aig a bheil tiotal an lìog agus Cupa na Camanachd sa phreas.

Tha dearbaidh Bhaideanaich na phàirt de latha nan dearbaidhean a tha Comunn na Camanachd air a chur air a bhog am bliadhna.

'S e sgeama dearbhaidh a th'ann far am bì na sgiobaidhean air fad a' cluich an cuid nabaidhean air an aon latha.

A' coinneachadh Disathairne tha, Cill Mhailidh agus an Gearasdan, Baile Bhòid is Caolas Bhòid.

Tha Lobhat a' cluich Gleann Urachadan agus feumaidh co-dhiù aon sgioba beagan siubhail a dhèanamh is Inbhir Aora a' cuir failte air Ceann Loch Seile.

Thuirt stiùiriche conaltraidh Comunn na Camanachd, Dòmhnall Stiùbhart gun robh a Chomuinn "Air leth toilichte ionmhais a bharrachd a thoirt chun a Spòrs agus aig an aon àm cothrom fhaighinn a thaisbeanadh gus àireamh nas motha do dhaoine"

'S e Derek Moireach a bhios ag aithris air a' gheama le cuideachadh bho Eanraig MacAonghais.