Co-obrachadh ga iarraidh san Eaglais Shaoir

  • Air fhoillseachadh
Eaglais Shaor na h-AlbaTùs an deilbh, Other
Fo-thiotal an deilbh,
Tha an Eaglais Shaor a' coinneachadh ann an Dùn Èideann airson an Àrd-Sheanaidh an t-seachdain seo.

Dh'iarr Modaràtair na h-Eaglaise Saoire gum biodh barrachd co-obrachaidh eadar eaglaisean.

Bha an t-Urr. Iain D. Caimbeul a' toirt seachad na h-òraid aige aig Àrd-Sheanadh na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann Dimàirt.

Thuirt e cuideachd gum bu chòir do choithionalan airgead a chleachdadh airson maith na h-Eaglaise air fad, seach a bhith ga thasgadh dhaibh fhèin.

"'S e am prìomh nì a bha mi ag oidhirpeachadh air a chur tarsainn, gu bheil ceanglaichean spioradail eadar a h-uile Crìosdaidh," thuirt e.

"Agus gum bu chòir dha sin a bhith a' neartachadh ar co-chomainn ri chèile ann am broinn na h-Eaglaise, 's a' neartachadh ar co-chomainn ri eaglaisean eile cuideachd.

"Às dèidh na chaidh sinn troimhe mar eaglais chun a seo bha mi airson beagan misneachd a thoirt do theachdairean, do mhinistearan do dh'èildearan, 's dhan a h-uile duine san Eaglais, a dhol air adhart air na bunaidean a th' againn airson an t-Soisgeul a thoirt dhan a h-uile ceàrnaidh den dùthaich.

"Chunnaic sinn cus sgarraidhean, cus Chrìosdaidhean a' dealachadh bho chèile. Tha mise airson daoine a thoirt còmhla.

"Tha mi an dòchas gum faigh mi fhìn air sin a dhèanamh le bhith a' dol gu coithionalan eadar-dhealaichte anns na mìosan a tha romham, airson cuideachadh a thoirt do choithionalan a tha lag agus anmhainn.

"Tha mi airson cantainn riutha gu bheil iad sin nam pàirt cudromach den Eaglais cuideachd, 's gu bheil sinn a' cur feum air a chèile, 's gum bu chòir dhuinn a bhith a' misneachadh a chèile san obair a th' againn," thuirt e.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh