Plana Gàidhlig do Shiabost

Siabost Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Tha dragh mu staid na Gàidhlig ann an Siabost.

Thèid plana Gàidhlig do sgìre Shiaboist ann an Leòdhas fhoillseachadh sa choimhearsnachd Disathairne.

Tha seo a' tighinn mar thorradh air aithisg an-uiridh a bha gu math dubhach mu staid na cànain san sgìre.

Tha an iomairt air a ruith le Fòram Gàidhlig Shiaboist.

"Sheall an rannsachadh gur iad an ginealach a bu shine a bha a' cleachadh na Gàidhlig sa choimhearsnachd, nas motha na an òigridh," thuirt Marina Mhoireach, bho Chomunn na Gàidhlig.

"Mar sin tha sinn air a bhith a' feuchainn ri barrachd thachartasan coimhearsnachd a chur air dòigh, gus an tigeadh òg is aosta còmhla gus tachartasan a dhèanamh tro mheadhan na Gàidhlig, 's gum bi barrachd Gàidhlig air a cleachdadh anns a' choimhearsnachd.

"Agus cuideachd barrachd chothroman a bhith anns a' choimhearsnachd airson a' Ghàidhlig ionnsachadh.

"Tha plana againn suas chun na Dùbhlachd an ath-bhliadhna, agus tha rudan a' tachairt sa choimhearsnachd fad na tìde, agus tha leth-bhreac de mhìosachan a rinn sinn dhiubh ri fhaighinn air làrach-lìn an Fhòraim.

"Gheibh muinntir na coimhearsnachd fios an sin air dè tha a' tachairt, cò dha a tha na tachartasan, càite a bheil iad 's cuin a tha iad a' dol a thachairt.

"Cuideachd tha a' h-uile taigh ann an Siabost a' dol a dh'fhaighinn cuairt-litir a' mìneachadh dè tha a' tachairt agus dè th' air a bhith a' tachairt cuideachd.

"Bidh sinn a' measadh nan tachartasan fad na tìde, a' bruidhinn ris na daoine a tha a' gabhail pàirt ann, 's na buidhnean, feuch ciamar a tha cùisean a' dol air adhart.

"Bidh am Fòram cuideachd a' toirt fiosrachaidh do na buidhnean Gàidhlig a thaobh a bheil iad a' dèanamh rudan ceart, agus a bheil buannachdan a' tighinn chun na coimhearsnachd, 's a bheil cùisean ag atharrachadh," thuirt i.

Am measg na thèid a chur air adhart sa choimhearsnachd, bidh clasaichean Ùlpan, agus cluba obair-dachaigh aig Sgoil Shiaboist do chloinn is phàrantan, le cothrom cofaidh is còmhradh.

Tha am Fòram airson cothrom a thoirt do dhaoine aig a bheil Gàidhlig ach nach bi ga cleachdadh, no aig a bheil beagan Gàidhlig agus a dh'iarradh cothrom a leasachadh.

Thèid am plana fhoillseachadh le Ministear na Gàidhlig, Alasdair Allan, feasgar Disathairne, le cuirm-ciùil às dèidh làimhe ann an Ionad na Seann Sgoile ann an Siabost.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile