Staid ionmhais an FCC fallain
- Air fhoillseachadh
Chuala Àrd-Sheanadh na h-Eaglaise Saoire Leantainniche gu bheil staid ionmhais na h-Eaglaise glè fhallain.
Bha àrdachadh de £55,000 air teachd-a-steach na h-Eaglaise agus chaidh an cosgaisean sìos 8%.
Dh'fhàg sin iad le còrr air £12,000 a bharrachd aig deireadh na bliadhna ionmhais.
Bha e na chuideachadh dhaibh gu bheil cùisean air a dhol sàmhach anns a' chùis-lagha an aghaidh na h-Eaglaise Saoire.
Thuirt an t-Urr. Murchadh Aonghas MacLeòid gun robh an Àrd-Sheanadh taingeil le mar a chaidh cùisean air a' bhliadhna a dh'fhalbh.