Dòchas sealadach mu obraichean UBC

Làrach-togail
Image caption Chan eil fhios le cinnt a bheil dòigh air an sgeama seo a chur air adhart.

Tha dòchas air nochdadh gum faigh co-dhiù cuid de luchd-obrach UBC anns na h-Eileanan an Iar an obair aca air ais airson crìoch a chur air dà chùmhnant mhòr anns an robh iad an sàs.

Tha Comhairle nan Eilean Siar air a bhith a' bruidhinn ris an luchd-rianachd Zolfo Cooper a lorg dhòighean air an obair a chumail a' dol aig dachaigh chùraim ùr air Tairbeart na Hearadh, agus sgeama taigheadais ann an Steòrnabhagh.

Chan eil fhios le cinnt fhathast an urrainnear seo a chur air adhart, agus dh'fheumte companaidh ùr a chur air bhonn air a shon, leis gu bheil UBC air a dhol ann an rianachd.

Gheall Zolfo Cooper gun toir iad sùil air a' ghnothach.

Mur a gabh e dèanamh, feumaidh a' Chomhairle a dhol a-mach gu tairgse a-rithist airson companaidh a lorg a ghabhas an obair os làimh, gus an tèid na cùmhnantan a chrìochnachadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile