30 crann a bharrachd do thuath-gaoithe Ìsginn?
- Published
Tha Oighreachd Ìsginn ann an Leòdhas air còmhraidhean a thòiseachadh leis an Riaghaltas agus iad a-nis ag iarraidh 30 crann a bharrachd a chur ris an tuath-ghaoithe a tha san amharc aca.
Dhèanadh sin cha-mhòr dùblachadh air meud an tuath-ghaoithe.
Tha na planaichean air gearainnean làidir a tharraing mar thà bho bhuidhnean glèidhteachais leithid an RSPB, air a bheil dragh mòr mu dhroch bhuaidh air iolairean mara agus iolairean buidhe san sgìre, a bhios a' sgiathalaich tron àite far a bheileas am beachd na crainn-ghaoithe eile a thogail.
Tha an t-uachdaran, Nick Oppenheim, ag ràdh gu bheil an leasachadh a' ciallachadh gum bi ceangail ri Tìr Mòr a leigeas le barrachd sgeamaichean cumhachd ath-nuadhachail a dhol air adhart, agus a bheir cosnadh don eilean.
Gheibh a' choimhearsnachd £35m thairis air 25-30 bliadhna às a' chiad earrainn den tuath-ghaoithe, a rèir Mhgr Oppenheim, agus thuirt e cuideachd gun tigeadh airgead den aon sheòrsa a-mach às an dàrna earrainn, nan leigte leis a dhol air adhart.