Cùmhnadh san Eaglais Shaoir
- Air fhoillseachadh

Thòisich Àrd-Sheanadh na h-Eaglaise Saoire còmhraidhean gus coimhead ris na dòighean as fheàrr air airgead a chùmhnadh.
Thuit teachd-a-steach na h-eaglaise gu mòr air a' bhliadhna a dh'fhalbh, agus iad còrr is £300,000 gann aig deireadh na bliadhna.
Bha iad air a bhith còrr is £500,000 gann mur a b'e na thàinig a-steach bho bhith a' reic thogalaichean is eile.
Tha an t-Àrd-Sheanadh a' coinneachadh ann an Dùn Èideann an t-seachdain seo.
"Tha a h-uile buidheann anns an staid sin an-dràsta," thuirt Modaràtair na h-Eaglaise Saoire, an t-Urr. Iain D. Caimbeul.
"Tha crìonadh-eaconamach againn, chan eil airgead cho pailt. Tha a h-uile eaglais agus buidheann charthannais - Crìosdail agus eile - feumaidh iad sùil a thoirt air an obair aca ann an solas an airgid a tha a' tighinn a-steach.
"Chan eil airgead aig daoine, ach na daoine a tha againn, tha iad a' toirt seachad glè mhath airson a bhith a' taiceachadh na h-Eaglaise.
"Tha sinne a' feuchainn ri bhith nar stiùbhardan air an airgead a tha a' tighinn a-steach.
"Dh'fhaodadh gu bheil dòighean nas fheàrr againn airson coimhead às dèidh an airgid a tha againn airson a' mhinistearalachd a thoirt air adhart.
"Tha sinn airson a h-uile ministear a th' againn a dhìon agus a chumail. Ach tha ceist stiùbhardachd a' tighinn a-steach.
"Aig an ìre seo tha sinn dìreach a' toirt sùil air cùisean agus a' feuchainn ris an t-slighe as fheàrr air adhart a lorg," thuirt e.