Machaire Shànais ga cheannach leis a' choimhearsnachd
- Air fhoillseachadh

Cheannaich a' choimhearsnachd ann an Cinn Tìre seann làrach MOD Mhachaire Shànais air prìs £1.
Bidh Ministear Àrainneachd Riaghaltas na h-Alba, Stiubhart Stevenson, aig an làraich Diluain far an cluinn e mu phlanaichean na coimhearsnachd airson an àite.
'S ann aig Machaire Shànais a tha an raon-laighe as fhaide san Roinn Eòrpa, aig 10km (6.1 mìle) de dh'fhaid.
Tha Port-adhair Chinn Loch Cille Chiarain air an làraich mar thà, agus companaidh a tha a' togail chrann-gaoithe.
Chaidh a' mhòr-chuid den àite fhàgail falamh nuair a dh'fhàg Feachd Rìoghail an Adhair an làrach anns na 90an.
Tha dòchas aig Companaidh Coimhearsnachd Raon-Adhair Mhachaire Shànais spionnadh a thoirt dhan eaconamaidh ionadail leis na tha san amharc aca.
Tha iad airson diofar chompanaidhean a thàladh chun an àite, leithid feadhainn a th' airson plèanaichean a stòradh no a thoirt às a chèile.
Tha iad cuideachd ag amas air companaidhean a tha ag obair ann an cumhachd ath-nuadhachail.
Tha cuideachd oifisean air an làraich, agus tha companaidhean air ùidh a nochdadh annta mar thà.
Tha am BBC a' tuigsinn nach eil e soilleir fhathast ge-tà, a bheil stuth rèidio-beò air an làraich a dh'fhaodadh a bhith air a thruailleadh, ach tha a' chompanaidh coimhearsnachd a' dol às àicheadh gu bheil sin ann.
Bhiodh aig an MOD ris an stuth sin a ghlanadh ma 's e 's gu bheil e ann.
Chuireadh leasachaidhean aig an làraich ri argamaid a tha ga cur air adhart airson an A83 a leasachadh.