Bailtean Gàidhealach gus fulang, a rèir sgrùdaidh ùir

  • Air fhoillseachadh
Dùn ÒmhainnTùs an deilbh, Undiscovered Scotland
Fo-thiotal an deilbh,
Tha Dùn Òmhainn agus Ceann Loch Cille Chiarain aig mullach na liosta.

Nochd grunn àiteachan air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan air liosta ùr de bhailtean a dh'fhaodadh fulang gu mòr air sgàth crìonadh san eaconamaidh.

'S e Colaiste Àireachais na h-Alba a rinn an sgrùdadh, agus iad a' rannsachadh nam bailtean a th' ann an suidheachadh cugallach.

Thug iad sùil air co mheud dhaoine anns gach baile a tha aig aois chosnaidh, air na tuarastail mheadhanach aca, na bha de dhaoine a' faighinn sochairean, agus co mheud a tha ag obair san roinn phoblaich.

Tha Dùn Òmhainn agus Ceann Loch Cille Chiarain aig mullach na liosta, agus Bàgh a' Chaisteil anns an naoidheamh àite.

Tha Steòrnabhagh agus Port Rìgh sa chiad 30.

Bha grunn bhailtean ann an Siorrachd Adhair agus Dùn Phris is Gall-Ghàidhealaibh cuideachd air an liosta.

Sheall an rannsachadh gu bheil bailtean a tha faisg air bailtean mòra nas fheàrr dheth.

Tha a' Cholaiste ag ràdh gum feum Riaghaltas na h-Alba coimhead a-rithist air an taic a th' ann do bhailtean beaga.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh