Càr na theine ann an raon-parcaidh ioma-làrail an Inbhir Nis

  • Air fhoillseachadh

Tha luchd-smàlaidh air a bhith a' dèiligeadh ri càr a tha na theine ann an raon-parcaidh ioma-làrail ann an Inbhir Nis.

Chaidh dà inneal-smàlaidh a chur gu raon-parcaidh Sràid Ròis nuair a chuireadh fios air na seirbheisean èiginn mu 2:00f.

Thuirt Seirbheis Smàlaidh na Gàidhealtachd 's nan Eilean gur ann air an 8mh làr a bha an càr. Chunnaic daoine toit dhubh a' tighinn às an togalach.

Tha 10 làr anns an raon-parcaidh, faisg air meadhan baile Inbhir Nis, anns a bheil rùm do 856 càr.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh