Siostam bhòtaidh ri atharrachadh?

Bocsa-baileat
Image caption 'S e an siostam STV a thathas a' cleachdadh airson nan taghaidhean ionadail.

Iarraidh a' bhuidheann Neo-eisimeileach aig Comhairle na Gàidhealtachd an t-seachdain seo gun tèid coimhead air an t-siostam bhòtaidh son nan taghaidhean ionadail atharrachadh.

Tha iad mì-thoilichte gu bheil barrachd chomhairlichean aca na th' aig na pàrtaidhean poiliteagach, ach nach eil iad nam buidheann-riaghlaidh.

Tha Buidheann Leasachaidh Thaghaidhean na h-Alba ag ràdh gu bheil an siostam a chaidh a chleachdadh san taghadh ionadail, a' Bhòt Shingilte Ghluasadach, a' toirt deamocrasaidh nas fhaisge air an t-sluagh.

Tha na buill Neo-eisimeileach a' dol às àicheadh sin, agus iad ag ràdh nach do thuig daoine an siostam, is gur e, gu ìre co-dhiù, a bu choireach airson cho beag 's a bha an àireamh de dhaoine a bhòt.

A rèir nan Neo-eisimeileach chan eil e ceart nas motha gun d'fhuair iadsan a' mhor-chuid de chomhairlichean, ach gur iad na pàrtaidhean poiliteagach a stèidhich a' bhuidheann-riaghlaidh.

Iarraidh iad Diardaoin gun tèid buidheann-obrach a stèidheachadh son sgrùdadh a dhèanamh air an t-siostam bhòtaidh, is gu sònraichte ciamar a ghabhas barrachd dhaoine a bhrosnachadh gus am bhòt a chleachdadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile