Moladh mòr do Chom-pàirteachas Taigheadais Innse Gall

Rèidiatar
Image caption Tha cosgais taigh a theasachadh anns na h-Eileanan gu math àrd.

Rinn Roinn na h-Àrainneachd 's an Atharrachaidh Aimsire aig Riaghaltas Bhreatainn moladh mòr air Com-pàirteachas Taigheadais Innse Gall.

Thuirt iad gun robh dòighean teasachaidh a tha a' bhuidheann a' cleachdadh nan deagh eisimpleir air mar a dh'fhaodte cosgaisean cumhachd is blàthachaidh air feadh Bhreatainn gu lèir a ghearradh.

Bidh a' bhuidheann a' cleachdadh teicneòlais a tharraingeas blàths às an adhair timcheall air taighean a tha iad a' leigeil a-mach air màl airson na taighean sin a bhlàthachadh.

"Tha mi a' creids' gu bheil e mar frids, ach gu bheil e ag obair cas mu seach," thuirt fear de stiùirichean na buidhne, Iain MacÌomhair.

300% Èifeachdach

"Tha e gu math èifeachdach. Tha mi a' creids' son a h-uile aonad de dhealan a tha a' dol a-steach tha trì a' tighinn a-mach," thuirt e.

Tha an teas a chuireas an dòigh bhlàthachaidh seo a-steach gu taigh a' tighinn à àite far nach shaoileadh tu gun robh teas ann.

"Can ma tha reothadh ann, 0 C," thuirt Pòl Moireach, a tha na stiùiriche air companaidh togail a th' air an dòigh seo a chur an sàs.

"Tha cumhachd anns an adhair sìos gu timcheall -273 C. Agus mar sin, tha an siostam a tha seo, tro bhruthadair, tha e a' toirt a-steach an adhair, agus ga bhruthadh.

"Ma bhruthas tu e, tha e a' fàs nas teotha. Tha an siostam an uair sin a' cleachdadh an teas a tha sin airson bùrn a theasachadh a tha a' dol timcheall an t-siostaim.

"Tha e a' teasachadh an t-siolandair agus a' teasachadh nan rèidiataran.

"Tha am bùrn a tha a' ruith timcheall an t-siostaim a' ruighinn timcheall air 50 C, uaireannan 55 C. Mar sin dheth chan eil e cho teth, ach tha na siostaman tòrr nas èifeachdaiche, agus tha iad a' cumail an aon teas, fhad 's a tha na taighean a' cumail an teas.

"'S e dìreach dealan a tha a' cumail a' phumpa a' dol.

"Fhad 's a tha na taighean freagarrach airson a chur an sàs bidh e èifeachdach. Tha iad ag ràdh gu bheil an siostam seo an-dràsta còrr air 300% èifeachdach.

"Mar sin dheth, tha e èifeachdach dha-rìribh, fiù 's an taca ri ola," thuirt e.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile