Comhairlichean uile a' faighinn iPads

iPad Image copyright Getty Images
Image caption Bu chòir gum faigh a' Chomhairle na cosgaisean air ais ann an sàbhalaidhean taobh a-staigh bliadhna.

Gheibh a h-uile ball de Chomhairle nan Eileans iar iPad, agus clàran-gnothaich an ùghdarrais ionadail gu bhith gu tur ann an cruth eileactronaigeach bhon ath-mhìos.

Tha a' Chomhairle am measg a' chiad fheadhainn de dh'ùghdarrasan ionadail ann an Alba a th' air seo a dhèanamh.

Tha e mar oidhirp an lorg-chàrboin a lùghdachadh, agus obair na comhairle a dhèanamh nas ùr-nodha.

A rèir na Comhairle, bheir e cuideachd lùghdachadh air na tha e a' cosg dhaibh stuth a phriontadh a-mach.

Bu chòir gun tèid cosgaisean nan iPads fhèin fhaighinn air ais ann an sàbhalaidhean taobh a-staigh bliadhna.

Tha na comhairlichean a' faighinn trèanaidh an-dràsta air mar a chleachdas iad na h-iPads, agus tha eadar-lìon Wi-Fi ri fhaighinn am broinn an t-seòmair, agus air feadh nan oifisean aca.

Bidh àireamh bheag de chlàran-gnothaich clo-bhuailte rim faighinn do bhuill den phoball a thig gu coinneamhan, leis na comhairlichean fhèin a' cleachdadh siostam tèarainnte airson an toirt a-nuas gu na h-iPads aca, air nach fhaigh càch cead.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile