Droch aithisg mu C-Diff aig an Rathaig Mhòr

Ospadal an Rathaig Mhòir Image copyright PA
Image caption Thèid an aithisg mu choinneimh a' Bhùird an ath-sheachdain.

Thug aithisg droch shealladh air glanadh agus ionnlaid aig Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis.

'S e an t-ospadal fhèin a rinn an aithisg, air mar a sgap an galar Clostridium Difficile ann toiseach na bliadhna.

Tha an aithisg ag ràdh gur e cion glanaidh, cion luchd-obrach agus droch staid nan taighean-beaga a chuir gu mòr ri sgapadh a' ghalair, a dh'fhàg uardan dùinte eadar 4mh am Faoilleach agus 1mh an Gearran.

Fhuair an aithisg nach deach ceithir den ochdnar euslainteach a bha a' fulang le C-Diff - galar a dh'fhaodas a bhith mairbhteach, agus a tha gabhaltach - a sgaradh bho na h-euslaintich eile leis nach robh seòmraichean singilte gu leòr ri fhaotainn.

An Lùnastal

Fhuair e cuideachd nach deach càil a dhèanamh às dèidh aithisg eile a rinneadh ann an 2008 agus a chaidh a thoirt do Neach-casaid a' Chrùin, a mhol gum bu chòir barrachd luchd-glanaidh a bhith ann an aon de na h-uardan a bha dùinte ri linn sgapadh den ghalar aig an àm sin. Rinn aithisgean eile ann an 2010 agus 2011 an aon phuing, agus cha do rinneadh càil mu dheidhinn, a rèir na h-aithisg as ùire.

Thog an aithisg ùr cuideachd gun robh an àireamh de luchd-glanaidh a' tighinn a rèir phoileasaidhean nàiseanta, ach gun robh uireasbhaidhean san t-seirbheis a bha ga toirt seachad.

Thuirt Àrd-Oifigear Smachdachaidh Ghalairean air Bòrd an ospadail, Heidi May - a rinn an aithisg - nach robh e comasach sàr-sheirbheis ghlanaidh a thoirt seachad air feadh an ospadail gu lèir.

A rèir na h-aithisg, cha robh cuid den uidheamachd san ospadal iomchaidh leis nach gabhadh sin fhèin glanadh mar a bu chòir.

Chan eil na taighean-beaga a chleachdas na h-euslaintich freagarrach a bharrachd.

Thèid an aithisg a chur mu choinneimh Bòrd NHS na Gàidhealtachd air 5mh an t-Ògmhios.

Tha NHS na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil iad air cuid de na 16 molaidhean a th' anns an aithisg a chur an sàs mar tha, agus gun cuirear an còrr an sàs ro dheireadh an Lùnastail.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gum bi iad a' obair gus dèanamh cinnteach gu bheil na h-ospadail aca glan agus gum feuch iad ri suidheachaidhean de C-Diff sna h-ospadail a lùghdachadh.

Aig a' cheart àm ge-tà, thuirt iad gu bheil cùisean de C-Diff tearc ann an ospadail agus gu bheil ìrean sna h-ospadail aca am measg an fheadhainn as lugha an Alba.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile