Seirbheis Shlàinte sàbhailte ann an Gleann Eilge

Gleann Eilge Image copyright Undiscovered Scotland
Image caption Rinn a' choimhearsnachd iomairt làidir gus an t-seirbheis a ghlèidheadh.

Tha Radio nan Gàidheal a' tuigsinn nach tig lùghdachadh no atharrachadh sam bith air an t-seirbheis shlàinte ann an sgìre Ghlinn Eilge agus Àrnasdail.

Bha NHS na Gàidhealtachd a' dèanamh sgrùdaidh air an t-seirbheis an dèidh mar a dh'fhàg fear de dhotairean na sgìre, an Dr. Sìm Hurding, as t-Samhradh an-uiridh, a ghabhail obair aig Roinn na Slàinte san Riaghaltas Albannach.

Ach an dèidh iomairt làidir sa choimhearsnachd, bithidh dithis dhotair stèidhichte san sgìre.

Thathas a-nis a' tuigsinn gun cum an dotair a th' ann an-dràsta, Catriona NicRath, a dreuchd agus gun tèid dotair eile fhastadh a bhios ag obair còmhla rithe.

Bidh an dithis dhotair ag obair seachd là san t-seachdain, agus bidh iad ri fhaotainn a là 's a dh'oidhche.

Tha daoine sa choimhearsnachd air fàilte mhòr a chur air an naidheachd agus iad ag ràdh gur e seo an seòrsa seirbheis air a bheil iad airidh.

Thuirt iad gur e gòraiche a bh' ann a bhith a' cur chosgaisean air thoiseach air beatha dhaoine.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile