Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

30 An Cèitean 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Andy Coulson

Chuir Poilis Shrath Chluaidh an grèim Andy Coulson, a bha na dheasaiche air an News of the World agus os cionn conaltraidh aig a' Phrìomhaire, Dàibhidh Camshron. Chaidh seachdnar oifigear a tha a' rannsachadh chasaidean gun deach breugan innse fo mhionnan, gu dachaigh Mhgr Coulson ann an ceann a deas Lunnainn anns a' mhadainn an-diugh. Thuirt Oifis a' Chrùin gu bheil Mgr Coulson fo amharas gun do dh'innis e breugan sa chùis-lagha an aghaidh an fhir-phoileataigs Albannaich, Tommy Sheridan, bho chionn bliadhna gu leth.

Julian Assange

Chuir a' Phrìomh Chùirt ann an Lunnainn às do thagradh bho Julian Assange, an duine a chuir air bhonn an làrach-lìn Wikileaks. Bha Mgr Assange a' cur an aghaidh òrdugh airson a chur dhan t-Suain, far a bheil casaidean mu ionnsaigh dhrabasta na aghaidh. Cha tèid Mgr Assange a chur a-mach à Breatainn sa bhad, agus coltas ann gum faodadh e fhathast tagradh a thoirt gu Cùirt Eòrpach nan Còraichean Daonna.

Charles Taylor

Chaidh seann Cheann-suidhe Liberia, Charles Taylor, a chur dhan phrìosan airson 50 bliadhna aig Cùirt na h-Eucorra Cogaidh sa Hague airson eucoir a rinn e ann an Sierra Leone. Thuirt am Britheamh gun robh murt, èigneachadh agus tràilleachd anns an deach e an sàs ann an Sierra Leone cho dona ri dad a th' ann an eachdraidh mhic an duine.

Siria

Coinnichidh Comhairle Thèarainnteachd nan Dùthchannan Aonaichte an-diugh a dheasbad na tha a' tachairt ann an Siria. Bha tuilleadh sabaid ann an-raoir agus sa mhadainn an-diugh, le aithrisean gun do mharbh feachdan tèarainnteachd an Riaghaltais còrr is 60 duine ann an diofar sgìrean den dùthaich. Tha sin a dh'aindeoin agus gun do thadhail Tosgaire an UN Kofi Annan air a' Cheann-suidhe Assad ann an Damascus an-dè a dh'iarraidh air stad a chur air an t-sabaid.

An SFA

Tha Comann Buill-choise na h-Alba a' beachdachadh air an ath-cheum an dèidh riaghlaidh bho Chùirt an t-Seisein an-dè nach robh cumhachd aig an SFA Rangers a chronachadh le bhith a' cur casg orra bho bhith a' ceannach chluicheadairean. Ach tha coltas ann a-niste gun tèid FIFA an sàs anns a' chùis mur a dèan an SFA an còrr, agus gum faodadh sin tighinn gu casg air sgioba nàiseanta na h-Alba.

C-Difficile

Tha aithisg bho thaobh a-staigh an ospadail fhèin a' càineadh cion glanaidh agus ionnlaid aig Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis. Tha an aithisg ag ràdh gur e cion glanaidh, cion luchd-obrach agus droch staid nan taighean-beaga a chuir gu mòr ri sgapadh den ghalar C-Difficile anns an ospadal aig toiseach na bliadhna. Thuirt NHS na Gàidhealtachd gu bheil iad air feadhainn de na molaidhean a th' anns an aithisg a chur an sàs mar thà.