Nat Friseal ciontach gun do mhuirt e a bhean Arlene
- Air fhoillseachadh

Bha Nat Friseal a' dol as aicheadh nan casaidean gun do mhurt e a bhean ann an 1998.
Chaidh Nat Friseal a dhiteadh son an dàrna uair son a bhean Arlene a mhurt ann an Eilginn bho chionn 14 bliadhna.
Chaidh cur às dhan chiad dìteadh ann an 2003 le tagradh dhan Phrìomh Chùirt ann an Lunnainn an-uiridh.
Ach chaidh a dhìteadh a-rithist Diciadain le diùraidh aig an Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann.
Chaidh binn co-dhiù 17 bliadhna sa phrìosan air Friseal.
Bha Arlene Fhriseal 33 bliadhna nuair a chaidh i a dhìth bho a dachaigh ann an Eilginn sa Ghiblean 1998.
Cha deach sgeul fhaighinn a-riamh air a corp.