Tidsearan Gàidhlig a dhìth air Sgoil an Ath Leathainn

  • Air fhoillseachadh
Seòmar-teagaisg
Fo-thiotal an deilbh,
Dh'atharraich poileasaidh na Comhairle an-uiridh.

Bu chòir do Chomhairle na Gàidhealtachd barrachd thidsearan fhastadh a rèir àireamh chloinne ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig.

Sin beachd a' BhPA Dàibhidh MacThòmais, agus pàrantan san Ath Leathann san Eilean Sgitheanach draghail nach eil tidsearan Gàidhlig gu leòr ann an sin.

Dh'atharraich an t-ùghdarras ionadail am poileasaidh a thaobh àireamh thidsearan an-uiridh.

A-nis tha a' cheart uidhir de thidsearan a rèir àireamh chloinne ann am foghlam Gàidhlig 's a tha ann am foghlam Beurla.

B'àbhaist triùir thidsearan a bhith ann an aonad Gàidhlig an Ath Leathainn san Eilean Sgitheanach.

Bha aon dhuibh os cionn clas a h-aon sa dhà agus iad air an cumail fa leth ach am faigheadh iad uidhir de bhogadh ann an Gàidhlig 's a ghabhadh dèanamh ged a bha an t-aonad mar phàirt de sgoil Bheurla nas motha.

Ach tha an t-atharrachadh ann am poileasaidh na Comhairle a' fàgail gu bheil dithis thidsear san sgoil a-nis - agus clann bho P1 gu P4 ann an aon chlas còmhla.

Leis gu bheil clann ann am P3 's P4 ag ionnsachadh Beurla, tha e air fhaireachdainn le pàrantan gu bheil sin a' toirt buaidh air a' cloinn as òige, o chionn 's gu bheil Beurla a-nis ga bruidhinn mun cuairt orra anns a' chlas.

"Nam bheachdsa, bu chòir don Chomhairle am poileasaidh a th' aca a thaobh na h-àireimh de thidsearan gu sgoilearan ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig atharrachadh," thuirt BPA an Eilein Sgitheanaich, Loch Abair agus Bàideannaich, Dàibhidh MacThòmais.

"Tha e nas doirbhe do thidsearan Gàidhlig na do thidsearan Beurla, agus mar sin bu chòir barrachd thidsearan Gàidhlig a bhith ann.

"Tha mi a' smaointinn gu bheil feum air aon tidsear eile," thuirt e.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd gun d'fhuair an t-Àrd-Oifigear litir bho Mhgr MacThòmais mu Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig san Ath Leathann, agus gun deadh freagairt a chur thuige.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh