Companaidh togail ùr sna h-Eileanan Siar

Làrach-togail
Image caption Chan eil e soilleir fhathast am faigh iad na cùmhnantan.

Chaidh companaidh togail ùr a chur air bhonn anns na h-Eileanan Siar le co-bhanntachd de luchd-gnothaich Gàidhealach.

Bidh UB Hebrides, le seann cheannard UBC, Seumas Pedrana os a chionn, ag amas air na cùmhnantan a bh' aig UBC a choileanadh.

Chaidh UBC ann an rianachd o chionn trì seachdainnean, le 238 dhaoine a' call an cosnadh - 90 dhiubh sna h-Eileanan.

Tha a' chompanaidh ùr airson feuchainn ri obair a thoirt air ais do co-dhiù cuid dhiubh.

Tha dà phròiseact mòr fo an comhair: dachaigh chùraim ùr anns na Hearadh a tha luach suas ri £5m, agus sgeama taigheadais ann an Steòrnabhagh a tha luach £3.5m.

Bha an obair letheach-slighe gu bhith deiseil nuair a chaidh a' chompanaidh fodha.

Feumar soillearachadh fhaighinn an toiseach ge-tà, a thaobh na tha ceadaichte fon lagh, mus tèid na cùmhnantan a chur ann an làmhan na companaidh ùire.

Tha a' Chomhairle agus Com-pàirteachas Taigheadais Innse Gall air a ràdh cheanna gum b'fheàrr leothasan seachnadh a bhith a' dol a-mach gu tairgse a-rithist leis na cùmhnantan, ri linn cunnairt gun cosgadh e barrachd air a' cheann thall.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile