Tuathan-gaoithe os cionn Loch Nis
- Air fhoillseachadh
Chaidh cead dealbhachaidh iarraidh airson dà thuath-gaoithe mòr a thogail os cionn Loch Nis.
Tha SSE Renewables ag ràdh gu bheil iad an dòchas suas ri £600m a chosg air dà oighreachd air gach taobh an locha.
Tha iad a' cumail a-mach gun tèid còrr air 100 dreuchd a chruthachadh.
Chaidh an àireamh de chrainn a bhathar airson a chur an sàs a lùghdachadh às dèidh co-chomhairleachaidh phoblaich air a' chùis.
Tha dragh air cuid de chomhairlichean ge-tà, gun toireadh na tuathan-gaoithe droch bhuaidh air turasachd air Ghàidhealtachd, agus Loch Nis a' tarraing nam mìltean mòra de luchd-turais chun na sgìre bho air feadh an t-saoghail, ri linn sgeulachdan mun uile-bhèist, Niseag.
Thuirt Jim Crawford, a tha a' riochdachadh ceann a deas Inbhir Nis, gum biodh na pròiseictean millteach dha-rìribh dhan sgìre.