Buidheann Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtachd

Soidhne Chomhairle na Gàidhealtachd Image copyright bbc
Image caption Chuir a' Chomhairle às don t-seann Chomataidh Ghàidhlig.

Bidh Buidheann Bhuileachaidh na Gàidhlig aig Comhairle na Gàidhealtahd, dìreach seachdainnean às dèidh don Chomhairle cuidhteas fhaighinn de Chomataidh na Gàidhlig.

'S e Hamish Friseal a bhios na chathraiche air a' bhuidhinn.

Bidh 11 bhall an sas sa Bhuidhinn Bhuileachaidh, sin a bharrachd air triùir de bhuill Bòrd na Gàidhlig, air neo daoine a chuireas am Bòrd air adhart.

Bha dragh air Mgr Friseal gum fàgadh a bhith a' cur às don Chomataidh Ghàidhlig a bh' ann gun deadh a' Ghàidhlig a lagachadh gu mòr taobh a-staigh na Comhairle agus nas fharsainne.

Tha Mgr Friseal ag ràdh a-niste gu bheil a' bhuidheann ùr seo a' sàsachadh nan draghan a bh' air gu ìre.

"Tha mise a' faicinn an-dràsta gu bheil rudeigineach ann co-dhiù a tha a' toirt spèis do Ghàidhlig na aonar," thuirt e.

"Chan eil e buileach cho làidir a' coimhead ri comataidh, ach tha adhbhar aig a' bhuidhinn a tha seo a bhith a' dèanamh na h-obrach a bhiodh Comataidh na Gàidhlig a' dèanamh," thuirt e.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd cuideachd air na comataidhean agus buidhnean eile aca a chur air dòigh, agus connspaid nan lùib.

Tha cuid de bhuill Neo-eisimeileach na Comhairle feargach mun dòigh san deach sin a dhèanamh.

Tha iadsan a' cumail a-mach nach deach na dreuchdan a thoirt seachad ann an dòigh a bha cothromach, 's gun deach na dreuchdan uile a thoirt do dhaoine a th' anns a' bhuidhinn riaghlaidh.

Tha ceannard na Comhairle, Drew Hendry, air a dhol às àicheadh nan casaidean, 's e ag ràdh nach deach innse do bhuill cò dha am bu chòir dhaibh bhòtadh.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile