Tubaist mhairbhteach air an A9
- Published
Chaidh dithis dhràibhearan làraidh a mharbhadh ann an tubaist air an A9 tuath air Blàr Athall.
Chaidh an rathad a dhùnadh agus thathas a' comhairleachadh do dhràibhearan an rathad a sheachnadh ma 's urrainn dhaibh.
Bhàsaich dithis dhràibhearan làraidh ann an tubaist air an A9 aig Cail Mhinn, tuath air Blàr Athall.
Thachair an tubaist mu 02:25m Dihaoine.
Dhùin na poilis an rathad agus tha dùil gum fuirich e dùinte airson cuid mhòr den là gus an tèid sgrùdadh a dhèanamh.
Chaidh slighean eile a chur air dòigh, ach bidh maill air dràibhearan.
Tha dràibhearan a tha a' dèanamh air deas gan cur 120 mìle taobh an A86 agus an A82.
Tha feadhainn a tha a' dol gu tuath gan cur taobh an A85, agus an A82, no taobh an A90 gu ruige Obar Dheathain.
Dh'iarr na poilis air duine sam bith a chunnaic an tubaist fios a chur thuca.