Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

1 An t-Ogmhìos 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tubaist Mhairbhteach

Chaidh dithis dhràibhearan làraidh a mharbhadh ann an tubaist air an A9 tuath air Blàr Athall tràth sa mhadainn an-diugh. B' ann le John Menzies a bha tè de na làraidhean. Bha an dràibhear a' dol a dh'Inbhir Nis le pàipearan nàidheachd. B'e barraillean uisge-beatha an luchd a bh' aig an dràibhear eile. Tha an rathad dùinte. Chaidh slighean eile a chur air dòigh, ach tha maill mhòr air dràibhearan. Tha sinn a' tuigsinn gum buinneadh na fireannaich do Ghlaschu, agus gun robh iad eadar 30 bliadhna de dh'aois, agus 40.

Tionnsgail

B'e an Cèitean a' mhìos a bu mhiosa ann an trì bliadhna airson tionnsgail am Breatainn a rèir rannsachaidh. Thuit Clàr nam Manaidsearan Ceannaich gu 45.9%, bho 52%.

Cion-cosnaidh

Dh'fhuirich cion-cosnaidh ann an Sòn an Euro aig 11% anns a' Ghiblean a rèir àireamhan ùra. Sin an ìre as àirde riamh. 'S i an Spàinn an dùthaich as motha a dh'fhulaing, tha 24% den t-sluagh an sin às aonais cosnaidh.

Siria

Cumaidh Rùnaire nan Dùthchannan Cèine, Uilleam Hague, còmhraidhean còmhla ri feadhainn a tha a' srì an aghaidh Riaghaltas Shiria, anns an Tuirc. Thuirt Mgr Hague gum faodadh saighdearan cèine a dhol an sàs anns an dùthaich, ach mus tachradh sin, gum feumadh iomairt airm taic fharsainn eadar-nàiseanta fhaighinn.

Afganastan

Tha aithrisean a' tighinn thugainn gun robh sprèadh mòr faisg air ionad le NATO air taobh sear Afganastan. Chunnaic daoine ceò anns an adhair ann an Sarabagh. Chaidh aithris gun do dh'fheuch an Taliban ri ionnsaigh a thoirt air an ionad le carbad làn stuth-spreadhaidh.

BP

Tha a' chompanaidh ola BP air leigeil fhaicinn gu bheil iad airson na h-earrainnean aca anns a' chompanaidh ola Ruiseannaich TNK-BP a reic. Tha riochdairean na companaidh ag ràdh gu bheil daoine air ùidh a nochdadh ann a bhith a' ceannach nan earrainnean, ach chan eil e dearbhte an tachair aig an ìre seo. 'S e com-pàirteachas agus luchd-gnothaich Ruiseannach a th' ann an TNK-BP.