Còignear gan toirt gu sàbhailteachd à Linne Mhoireibh
- Air fhoillseachadh
Tùs an deilbh, Undiscovered Scotland
Chuireadh fios air na seirbheisean èiginn mu mheadhan là.
Chaidh còignear a thoirt gu sàbhailte o Linne Mhoireibh an dèidh do na geòlaichean aca car a chur san fhairge.
Chaidh fios air na seirbheisean èiginn gu bàgh Inbhir Èireann mu mheadhan là.
B'iad Maoir-chladaich Obar Dheathain a bha os cionn na h-iomairt teasairginn.
Thuirt neach-labhairt do na Maoir-chladaich gun d'fhuair a h-uile neach as le am beatha.
Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil
Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh