Galar eile aig an Rathaig Mhòr

  • Air fhoillseachadh
Lannsair a' glanadh a làmhanTùs an deilbh, SPL
Fo-thiotal an deilbh,
Tha 16 molaidhean an lùib na h-aithisg.

Tha galar eile aig Ospadal an Rathaig Mhòir ann an Inbhir Nis.

Chaidh Uard Dlùth-Chùraim an ospadail a dhùnadh, agus an galar ris an canar Pseudomonas air sgapadh ann.

Thuirt NHS na Gàidhealtachd gun deach aca air cumail a' dol le obair-lannsa a dh'aindeoin a' ghalair, agus nach eil e a' toirt droch bhuaidh air euslaintich.

Tha seo a' tighinn goirid as dèidh mar a sgap an galar C-Difficile ann an cuid de uardan an ospadail.

Tha Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd gus beachdachadh Dimàirt air aithisg a rinneadh taobh a-staigh an ospadail fhèin air mar a sgap an galar sin, agus na bu chòir a dhèanamh airson dèiligeadh ris an trioblaid.

Tha 16 molaidhean an lùib na h-aithisg, agus tha an ospadal ag ràdh gun deach cuid mhòr dhiubh a chur an sàs mar thà.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh