Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

5 An t-Ogmhìos 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Iùbailidh

Tha a' Bhàn-righ aig Cathair-eaglais an Naomh Pòl airson seirbheis shònraichte airson an Iùbailidh Daoimeann aice a chomharrachadh. Feasgar bidh i aig dìnnear sònraichte, agus an uair sin nochdaidh i air balconaidh Lùchairt Bhuckingham, is sreath de làithean comharrachaidh a' tighinn gu crìch. Cha bhi am Prionnsa Filip ge-tà, còmhla rithe, agus e a' faighinn cùraim fhathast anns an ospadail.

Legionaire's

Tha rannsachadh a' leantainn feuch cò às an tàinig an galar Legionaire's a tha a' sgapadh ann am baile Dhùn Èideann. Chaidh dearbhadh gu bheil an galar, a dh'fhaodas a bhith mairbhteach, air sianar, agus tha amharas ann mu cheathrar eile. Thuirt luchd-meidigeach gum bu chòir do dhuine sam bith a bha le ceann goirt agus fiabhras, cobhair iarraidh bhon dotair.

Afganastan

Chaidh an saighdear Breatannach a bhàsaich ann an Afganastan Là na Sàbaid, ainmeachadh. Bha Gregg Thomas Stone anns an Treas Battalion Rèiseamaid Shiorrachd Iorc, agus bha e 20 bliadhna de dh'aois. Bhàsaich e Là na Sàbaid, às dèidh mar a chaidh losgadh air ann an sgìre Helmand ann an iomairt chobhair a chaidh a dhèanamh air fear-poilis Afganach.

Inbhir Aidh

Tha nighean aois 14 bliadhna ìosal san ospadal às dèidh dhi tuiteam dhan mhuir ann an Inbhir Aidh, faisg air na crìochan. Chaidh an nighean a ghoirteachadh nuair a chaidh a glacadh anns na stuadhan agus mar a chaidh a bualadh a-steach do bhalla cloiche. Thuit caraid na h-ìghne, nighean aois 13, dhan mhuir cuideachd, ach chaidh aig daoine a bha mun cuairt aig an àm air a toirt a-mach gu sàbhailte.

FIFA

Tha bòrd-riaghlaidh a' bhuill-choise, FIFA, air rabhadh a thoirt seachad mun dòigh anns a bheil cluicheadairean a' cleachdadh drogaichean airson cur às do phian. A rèir Àrd-oifigich Mheidigich na buidhne, an Dr. Diri Dvorak, dh'fhaodadh slàinte chluicheadairean san àm fhada a bhith ann an cunnart ma ghabhas iad cus de na drogaichean.