Cabhsair connspaideach an Àrasaig

  • Air fhoillseachadh
ÀrasaigTùs an deilbh, Undiscovered Scotland
Fo-thiotal an deilbh,
Chosg an cabhsair £30,000 a chur an sàs.

Tha muinntir bhaile Àrasaig, anns na garbh-chrìochan, ag iarraidh air Comhairle na Gàidhealtachd cabhsair ùr a chuir iad an sàs a reubadh às.

Tha iad ag ràdh gu bheil an cabhsair ùr a' cur beatha chloinne ann an cunnart.

Tha an cabhsair, a chosg £30,000, a' ruith bho iomall a' bhaile chun na h-Eaglaise Caitligich.

Tha timcheall air 260 duine air an ainm a chur ri ath-chuinge ag iarraidh air a' Chomhairle cur às don chabhsair ùr.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh