Chaidh le cùis-lagha Chomhairle nan Eilean Siar

  • Air fhoillseachadh
Cùirt an t-Seisein
Fo-thiotal an deilbh,
Chuir a' Chomhairle an aghaidh casg riaghaltais air na sgoiltean a dhùnadh.

Chaidh ath-bhreithneachadh cùirte air co-dhùnadh Riaghaltas na h-Alba casg a chur air Comhairle nan Eilean Siar bho bhith a' dùnadh ceithir sgoiltean, an aghaidh an Riaghaltais.

Chaidh a' Chomhairle gu Cùirt an t-Seisein ann an Dùn Èideann airson ath-bhreithneachadh cùirte fhaighinn às dèidh mar a ghairm an Riaghaltas an co-dhùnadh a-steach, 's a chuir iad casg orra.

Tha a' Chomhairle airson na sgoiltean a dhùnadh agus iad ag ràdh nach fhiach iad am £1m a tha iad a' cosg a chumail fosgailte.

'S iad na sgoiltean: Bun-sgoil Sheileaboist anns na Hearadh; Bun-sgoil Chàrlabhaigh ann an Leòdhas, a thuilleadh air roinnean àrd-sgoile ann an Lionail agus Siabost.

Bha a' Chomhairle airson an dùnadh deireadh na h-Ògmhios, ach tha ceist ann a-nise am bi ùine gu leòr ann sin a dhèanamh.

Thuirt Ceannard na Comhairle, Aonghas Caimbeul: "Tha am breithneachadh gu tur air taobh na Comhairle, agus tha sinn a' cur fàilte air sin, ged is mòr an truagh gum b'fheudar dhuinn seo a dhèanamh.

"Cha b'ann gu h-aotrom a rinn buill an co-dhùnadh na sgoiltean a dhùnadh, agus bha sinn misneachail gun do lean na h-oifigich againn na riaghailtean mar a bu chòir.

"B'fheudar dhuinn mar sin dheth, ceist a chur air mar a cho-dhùin ministearan an Riaghaltais Albannaich.

"Tha am breithneachadh seo bho Chùirt an t-Seisein a' dearbhadh gur ann ceart a bha a' Chomhairle le bhith a' dol gu lagh mu dheidhinn.

"Cha robh ann ach Cothrom na Fèinne do na coimhearsnachdan a chaill na sgoiltean aca, dearbhadh a bhith aca gun deach na riaghailtean a leantainn.

"Tha sinn fhathast ro-dhèonach a bhith ag obrachadh còmhla ri Riaghaltas na h-Alba, agus gu sònraichte a thaobh a bhith ag adhartachadh a' Churriculum airson Sàr-Mhaitheis," thuirt e.

Coinnichidh Comataidh an Fhoghlaim 's nan Seirbheisean Cloinne Dimàirt 12mh an t-Ògmhios, far am beachdaich iad air a' cho-dhùnadh.

A' bruidhinn às dèidh don cho-dhùnadh a bhith air fhoillseachadh, thuirt Rùnaire an Fhoghlaim, Mìcheal Russell: "Tha am breithneachadh seo a' toirt fàire nas fharsainne do cho-dhùnadh Mhinisteireil na th' air a bhith ann thuige seo, agus tha e a' sealltainn gum bu chòir do Mhinistearan a bhith a' meas neart nan argamaidean airson sgoiltean a dhùnadh, seach a-mhàin ris a' phròiseas fhèin.

"Bheir sinn a-nis sùil air a' bhreithneachadh gu mionaideach, mus co-dhùin sinn dè an ath-cheum a nì sinn.

"Leis gur e trioblaidean a bha a' beantainn ri cur an gnìomh an reachdais seo fear de na h-adhbharan a chuireadh Coimisean Lìbhrigidh an Fhoghlaim Dhùthchail air bhonn, bhithinnsa ag iarraidh buille an ath-bhreithneachaidh seo a chur fo chobhair a' Choimisein, agus ri linn sin, dh'fhaodadh gun tig dàil a bharrachd air crìochnachadh obair a' Choimisein," thuirt e.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh