Iarrtas air foghlam Gàidhlig ann an Loch nam Madadh

  • Air fhoillseachadh
Seòmar-teagaisg
Fo-thiotal an deilbh,
Tha aonadan Gàidhlig eile ann an Uibhist a Tuath.

Nochd iarrtas airson Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig fhaighinn aig Sgoil Loch nam Madadh ann an Uibhist a Tuath.

'S ann tron Bheurla a-mhàin a tha clann na sgoile gan teagasg an-dràsta.

Ach a rèir rannsachaidh a rinn aon phàrant san sgìre, tha pàrantan 15 duine-cloinne airson Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig fhaighinn ann an Loch nam Madadh fhèin.

Chan fhada o bha dragh ann gun dùineadh an sgoil. Ged nach eil an dragh sin air falbh gu lèir, tha an sgoil a-nis a' coimhead nas treasa.

Thathas an-dràsta ag iarraidh air pàrantan a tha ag iarraidh Foghlaim tro Mheadhan na Gàidhlig do an cuid chloinne, iad a chur gu Càirinis no Ceann a' Bhàigh air a shon, seach Loch nam Madadh fhèin.

Tha an-dràsta 38 duine-cloinne fo aois 10, eadar Loch nam Madadh agus Beàrnaraigh, agus am pàrantan airson an cur gu Sgoil Loch nam Madadh.

Tha Comhairle nan Eilean Siar ag ràdh gu bheil iad taiceil do dh'Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig, agus mur a bheil e ga thabhainn aig an sgoil ionadail, gun cuir iad air dòigh rathad siubhail gu sgoil eile far am faigh a' chlann teagasg Ghàidhlig.

'S fheàrr leis a' Chomhairle gun deadh clann òg a-steach tro mheadhan na Gàidhlig bhon chiad bhliadhna, seach a bhith a' gluasad bho fhoghlam sa Bheurla gu foghlam sa Ghàidhlig.

Tha a' Chomhairle ag ràdh gu bheil iad a' faicinn gu bheil cothroman gu leòr ann air Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ann an Uibhist a Tuath, agus nach eil planaichean aca aonad ùr a dhèanamh ann an Sgoil Loch nam Madadh.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh