Stiùidio
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

6 An t-Ogmhìos 2012 Ùraichte aig Ùraichte aig

Ath-bhreithneachadh Cùirte

Tha dùil gum foillsich Cùirt an t-Seisein aig meadhan là ath-bhreithneachadh air mar a dhiùlt Riaghaltas na h-Alba cead do Chomhairle nan Eilean Siar ceithir sgoiltean a dhùnadh. Ach tha a h-uile coltas an ath-bhreithneachadh air taobhadh ris a' Chomhairle, agus air co-dhùnadh gun robh ministearan an Riaghaltais ceàrr stad a chur orra. Cho-dhùin a' Chomhairle mus do chuir an Riaghaltas stad orra gun deadh bun-sgoiltean ann an Càrlabhagh agus Seileabost, agus an dà àrd-sgoil dà bhliadhna ann an Siabost agus Nis a dhùnadh deireadh na h-Ògmhios. Tha ceist ann a-nis a bheil ùine gu leòr ann gus sin a dhèanamh.

Diageo

Tha dòchas gun tèid obraichean ùra a chruthachadh air Ghàidhealtachd, agus a' chompanaidh dibhe Diageo ag innse gun cuir iad £1bn a-steach do ghnìomhachas an uisge-bheatha san ath chòig bliadhna. Togaidh iad taigh-staile ùr - a dhà ma thèid leotha gu math - agus bidh iad a' leasachadh nan taighean-staile a th' aca mar thà. Tha àrdachadh de 50% air tighinn air an uisge-beatha a tha a' chompanaidh air reic anns na còig bliadhnaichean a dh'fhalbh.

Legionaire's

Tha oifigearan slàinte an an Dùn Èideann ag ràdh gu bheil làn-dùil aca gum faic iad tuilleadh dhaoine a' tighinn thuca leis a' ghalar Legionaire, leis gu bheil coltas gu bheil an galar fhathast a' sgapadh. Aig an ìre seo tha e dearbhte gu bheil an tinneas air 17 duine, agus tha 15 duine fo amharas gu bheil e orra. Tha deuchainnean a' dol fhathast feuch cò às an tàinig an galar.

Seòlaidhean a bharrachd

Tha CalMac a' sireadh bheachdan dhaoine air seòlaidhean a bharrachd a chur air dòigh eadar an Tairbeart, Ùige agus Loch nam Madadh tron t-Samhradh seo. Fo na tha san amharc bhiodh seòladh às Ùige gu ruige an Tairbeirt air Là na Sàbaid, agus seòladh gach oidhche Haoine eadar Loch nam Madadh agus Ùige. Tha CalMac ag ràdh gu bheil feum air a leithid air sgàth na h-àireimh de dhaoine a tha a' feuchainn ri siubhail, agus gu bheil iad ag èisteachd ris a' phoball. 'S urrainn do mhuinntir nan coimhearsnachdan am beachd a chur air a' phost-d: consultation@calmac.co.uk agus an co-chomhairleachadh a' crìochnachadh air a' 15mh là den mhìos seo.

Sharkey

Tha Poilis Shrath Chluaidh a' ceasnachadh dithis co-cheangailte ri bàs triùir às an aon teaghlach anns an Iuchair an-uiridh. Bhàsaich Bridget Sharkey, aois 8, agus a bràthair Thomas, aois 21, nuair a chaidh nuair a chaidh an taigh aca a chur na smàl. Bhàsaich athair na cloinne, Thomas Sharkey sia là às dèidh làimhe anns an ospadal.